Skip to content
SMO Generic Banner Image

Duais mhòr na pìoba do Neach-obrach Sabhal Mòr Ostaig



Meal-a-naidheachd air Dr Decker Forrest, a bhuannaich Bonn Dhùn Bheagain aig Geamannan Gàidhealach an Eilein Sgitheanaich am Port Rìgh air 8 An Lùnastal. Chluich e am port, Spaidsearachd Iarla Rois. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil cothrom aige pàirt a ghabhail ann an co-fharpais ‘An Fheadain Airgid’ aig Caisteal Dhùn Bheagain an ath-bhliadhna, an aghaidh còignear no sianar de na pìobairean as fheàrr bho air feadh an t-saoghal.

Tha Decker na stiùiriche air a’ chùrsa BA (le Urram) ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta.