Còmhraidhean Ùra mu Ealainean Gàidhlig
Tha Glaschu Beò ro thoilichte a bhith a’ toirt Ro-innleachd airson nan Ealain Gàidhlig do Ghlaschu (2018- 22) am follais mar earrann de Phlana Gàidhlig Comhairle Baile Ghlaschu (2012-17).
Bheirear seo am follais an co-bhuinn le Conservatoire Rìoghail na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig agus Theatar Nàiseanta na h-Alba le taic o Bhòrd na Gàidhlig.
Bidh an tachartas na chnuasachadh saor agus adhartach mu Ealain Ghàidhlig is na oidhirp air deasbad a dhùsgadh mu àite nan Ealain Gàidhlig ann an ath‑bheothachadh na cànain agus anns a’ bhuaidh a tha aca oirre. An lùib an fheasgair bidh còmhraidhean cruthachail ris an luchd-ealain a stiùir am program de Work in Progress a thug Glaschu Beò air adhart ann an 2016 agus ri luchd‑labhairt eile air aoigheachd. Tha e mar amas aig Glaschu Beò agus an luchd-com-pàirt, is gu h‑àraidh Conservatoire Rìoghail na h-Alba, a tha a’ stiùireadh an MA ùr-nòsaich ann an Ealain Ghàidhlig (Ionnsachadh is Teagasg), gun toir iad cothroman seachad airson àite nan Ealain Gàidhlig a dheasbad. Ghabhadh comhairle o Alba Chruthachail ann a bhith ag ullachadh na Ro-innleachd seo.
Tha sinn an dòchas gum bi thu airson a bhith an lùib a’ chòmhraidh seo, agus bidh fiughair againn rid fhaicinn air an latha. Bithear a’ coinneachadh eadar 1.30 feasgar agus còig uairean air Disathairne 28 Dàmhair 2017 sna Wallace Studios aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba.