
Farpais Bàrdachd
An Dàrna Duais Bhliadhnail ann am Bàrdachd an Ainm na Peathar, Mairead NicDhòmhnaill
Tha Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier, còmhla ri Urras Chlann Dòmhnaill,* airson an dàrna farpais bàrdachd a chur air bhonn an ainm na Peathar, Mairead NicDhòmhnaill. Rugadh is thogadh a’ Phiuthar NicDhòmhnaill leis a’ Ghàidhlig ann a’ Siùdaig an Eilean Cheap Breatainn is fhuair i PhD ann an Ceiltis bho Oilthigh Harvard. Tha i ’na h-ollamh emerita aig Oilthigh Fransaidh Xavier ás déidh dhi bhith os cionn na roinne fad iomadh bliadhna.
Bu chòir na tairgsean bàrdachd tighinn gu Mìcheal Linkletter ann am post-dealain gu mlinklet@stfx.ca ro’n 9mh dhen Òg-mhìos 2020. Théid na buannaichean a thaghadh neo-ainmichte le panail. Tha an fharpais fosgailte do dhuine sam bith, ach cha ghabh sinn ach aon dàn bho gach ùghdar. Tha sinn ag iarraidh bàrdachd air an tèama iomallachd/aonaranachd agus/no ceanglaichean (anns an fharsaingeachd).
Théid na buannaichean ainmeachadh air loidhne air an 26mh dhen Òg-mhìos 2020: a’ chiad duais: $500; an dàrna: $250; an treas: $100. Leis an innteart, tha na h-ùghdaran ag aontachadh gum faodar an cuid dhàn a chlò-bhualadh ann an co-chruinneachadh bàrdachd anns an àm ri teachd.