Fiosrachadh bho Sabhal Mòr Ostaig a thaobh Coronavirus
Bidh luchd-obrach is oileanaich Sabhal Mòr Ostaig ag obair bhon taigh agus ag ionnsachadh air astar bhon diugh air adhart. Chaidh co-dhùnadh a dhèanamh ri linn stiùireadh nàiseanta Coronabhìoras.
A bharrachd air sgioba bheag riatanach de luchd-obrach air an làraich, bidh càch ag obair bhon taigh. Chaidh clasaichean a chur dheth bhon àm lòn an-diugh agus tòisichidh iad aig astar Diluain 23 am Màrt.
Tha buidheann bheag de dh’oileanaich dol a dh’fhuireach air an làraich (m.e. oileanaich eadar-nàiseanta nach fhaigh dhachaidh).
Chaidh Cùrsaichean Goirid na Càisge a chur dheth cuideachd a bharrachd air tachartasan eile sa Cholaiste leithid consairtean SEALL, clubaichean spòrs agus buidhnean tadhail. Cha tèid Latha nan Tagraichean agus Fèill na Gàidhlig air adhart nas motha.
Ged a tha a’ Cholaiste fosgailte, cha bhi seirbheis slàn ri fhaotainn agus tha an sgioba-stiùiridh a’ moladh nach bi a’ choimhearsnachd a’ cleachdadh nan seirbheisean air an làraich idir, mar an Leabharlann no an t-ionad-spòrs SLAN.
Thuirt Stiùiriche Corporra na Colaiste, Nicola NicThòmais “Tha sinn den bheachd gur e seo an t-slighe as glice ann a bhith a’ dìon ar luchd-obrach, ar n-oileanaich agus a’ choimhearsnachd fhèin. Tha an suidheachadh cho neo-àbhaisteach ach tha e cudromach gun lean sinn an stiùireadh agus mothachail gum bi seo doirbh airson gu leòr de dhaoine.”
Thèid cùrsaichean astar (An Cùrsa Inntrigidh agus An Cùrsa Adhartais) air adhart, mar is àbhaist.
Airson barrachd fiosrachaidh, cuiribh fios gu Nicola NicThòmais, Stiùiriche Corporra, 01471 888 301 no nnt.smo@uhi.ac.uk
Gheibhear cuideachd fiosrachadh air làrach-lìn OGE aig: https://www.uhi.ac.uk/coronavirus