Skip to content
SMO Generic Banner Image

Sabhal Mòr Ostaig agus Glaschu Beò a’ co-obrachadh air greis-obrach ùr



Tha Glaschu Beò agus Sabhal Mòr Ostaig gus tòiseachadh air greis-obrach àraid ann an com-pàirteachas a choimheadas ris na h-Ealainean Gàidhlig bho thaobh a’ bhaile mhòir agus bho thaobh na Gàidhealtachd. Bidh Riochdaire nan Ealain Gàidhlig aig Glaschu Beò stèidhichte aig a’ Cholaiste san Eilean Sgitheanach fad 12 sheachdain aig toiseach 2017 an lùib an sgeama greis-obrach.

Tha a’ ghreis-obrach seo a’ tachairt aig àm nuair a tha an dà bhuidhinn a’ beachdachadh air na ro-innleachdan ealain Gàidhlig aca ùrachadh sna bliadhnaichean a tha romhainn. Bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ leasachadh a ro-innleachd Ealain is Cultair agus tha Glaschu Beò, an dèidh ath-sgrùdadh a choilionadh air an cuid obrach sna trì bliadhna roimhe, an sàs ann an co-chomhairleachadh ann an roinn nan ealain air Ro-innleachd Ealain Gàidhlig [2017-20] airson baile mòr Ghlaschu.

Bidh a’ ghreis-obrach seo ag amas air com-pàirteachadh eadar an dà bhuidhinn a thoirt air adhart le bhith a’ rannsachadh mhodailean ùra airson co-obrachaidh, air sreath chòmhraidhean fosgailte a chumail airson beachdan-smuain ùr a bhrosnachadh agus air roinnean ùra a leasachadh far an tèid aca air co-obrachadh còmhla tron àm ro-innleachdail a tha romhainn.

Thuirt Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig, Proifeasair Boyd Robasdan “Tha sinn a’ creidsinn gu mòr anns na buannachdan an lùib com-pàirteachais agus tha e na thlachd dhuinne a’ ghreis-obrach seo a chumail ann an co-bhonn le Glaschu Beò. Bha sinn a-riamh a’ sireadh dhòighean ùra air na h-Ealain Gàidhlig a bhrosnachadh is a neartachadh agus tha an iomairt seo air leth freagarrach ri linn Ro-innleachd Ùr an t-Sabhail Mhòir 2017-22. Tha Sabhal Mòr Ostaig, mar an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, daonnan a’ sireadh dhòighean obrach innleachdail agus airson a bhith air thoiseach agus tha cothroman air ceanglaichean ùra is inntinneach a dhèanamh an lùib a’ chom-pàirteachais seo aig ìre nàiseanta.”

Thuirt an Comhairliche Archie Greumach, OBE, Cathraiche Ghlaschu Beò: “Tha prògram nan Ealain Gàidhlig aig Glaschu Beò air grunn phròiseactan cudromach a thoirt gu buil anns na deich bliadhnaichean mu dheireadh. Bidh sinn an-còmhnaidh a’ sireadh dhòighean ùra airson ar seirbheis a liubhairt do dhaoine air feadh Ghlaschu agus don luchd-tadhail againn. Bidh ionnsachadh riatanach an còis a’ chom-pàirteachais seo le Sabhal Mòr Ostaig, a th’ air a bhith air thoiseach san roinn seo a’ brosnachadh is a’ leasachadh nan Ealain Gàidhlig, agus tha an dà bhuidhinn a’ sùileachadh ri na tha iad a’ tairgsinn sna h-Ealainean Gàidhlig a leasachadh.” 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578