Skip to content
SMO Generic Banner Image

Griogair Labhruidh agus Kalifa Kone aig Sabhal Mòr Ostaig



Thadhail Griogair Labhruidh, Neach-oide airson a’ chùrsa BA Gàidhlig Agus Ceòl Traidiseanta aig SMO, agus an sàr cheòladair, Kalifa Kone, air a’ Cholaiste o chionn ghoirid is thug iad seachad bùth-obrach is blasad chiùil den chlàr ùr aig Griogair, air a bheil iad air a bhith cò-obrachadh, is a bhios ri fhaotainn sa bhliadhn’ ùr.

‘S e neach-ciùil traidiseanta Afraganach a th’ ann an Kalifa Kone a bhuineas do Mhali an taobh siar Afraga.’S e sàr chluicheadair beum-chiùil a th’ ann agus tha e air cliù a chosnadh air balafon agus ngonì (inneal beuma is clàrsaich) agus air drumaichean. Fhuair a chlàr,’Luna’, air an do chluich e na h-innealan gu h-àrd, molaidhean mòra agus tha e air cluich cuide ris a’ chòmhlan, Afro Celt Sound System, air a bheil fèill mhòr air feadh an t-saoghail.

Tha Griogair air a bhith ag obair còmhla ri luchd-ciùil à taobh siar Afraga o chionn beagan bhliadhnaichean a-nis agus tha e aig teis-meadhan ceòl Ceilteach/Afraganach air sàillibh a chuid obair clàraidh is chuirmean cuide ri Afro Celt Sound System.

Fhad ‘s a bha e a seo, chlàr Kalifa còmhla ri Griogair ann an Stiùidio Ostaig son a’ chlàr ùr aige agus chùm iad bùithtean-obrach aig sgoiltean na sgìre, a bharrachd air a bhith ag obair le oileanaich air a’ phrògram BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta.

Duine sam bith aig a bheil ùidh sa chùrsa ciùil, gheibhear fiosrachadh air an làrach-lìn againn agus faodar iarrtasan a chur a-steach an-dràsta airson 2019/20.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578