
Ioma-chànanas san eanchainn
29/05/18 aig 1400
Seòmar Chanaigh, SMO, ACC
Àrd-Ollamh Ferran Suay, Oilthigh Valencia
Tha sinn eòlach air na buannachdan an-lùib dà- no ioma-chànanas aig ìre cleachdaidh – a’ gabhail a-staigh comasan nas fheàrr le cànain ùra agus cuideachd le cuimhne agus smachd gnìomhach (executive control). Ach dè a’ bhuaidh air structar na h-eanchainne? A bheil buaidh air na structaran domhainn? Thathas a’ lorg diofar san stuth liath agus san stuth geal san eanchainn eadar aon-chànanaich agus dà-chànanaich. Agus nì fiù ‘s ùine ghoirid ann a bhith ag ionnsachadh cànan diofar anns na structaran nar n-eanchainnean.
Rugadh Ferran Suay ann am Valencia (1959) agus tha Catalanais aige bho thùs. Tha PhD aige ann an saidhg-eòlas agus tha e na àrd-ollamh aig Oilthigh Valencia. Tha e cuideachd na stiùiriche aige ELEN (European Language Equality Network) agus na iar-stiùiriche aig ACPV (an NGO as motha ann am Valencia airson cultar agus cànan a bhrosnachadh).