Ionnsachadh Cànain mar thrèanadh cognatach:
Na tha sin a’ ciallachadh don eanchainn, don inntinn agus don cho-luadar.
leis an Dr Thomas Bak
Bidh an Dr Thomas Bak bho Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt seachad òraid air a’ chuspair ‘Ionnsachadh cànain mar thrèanadh cognatach: na tha sin a’ ciallachadh don eanchainn, don inntinn agus don cho-luadar’ anns an TDC aig 13.00 Diardaoin an 13mh Lùnastal. ‘S e eòlaiche eadar-naiseanta a tha ann air neurosaidheans agus air a’ bhuaidh a th’ aig dà-chànanachas air modhannan-obrach na h-eanchainn. Tha tè dhe na h-oileanaich aige, Maddie Long, air a bhith a’ sgrùdadh buaidh nan Cùrsaichean Goirid aig an t-Sabhal air na h-oileanaich a tha gan gabhail agus cluinnear na toraidhean iongantach aig na deuchainnean a rinn ise san taisbeanadh aig Dr Bak. Cluinnear cuideachd beagan mun obair rannsachaidh a tha e air a bhith a’ dèanamh a thaobh na buaidh a th’ aig dà-chànanachas air adhartas Alzheimer’s.
13.08.2015
13.00f
TDC, ACC, SABHAL MÒR OSTAIG