Skip to content
SMO Generic Banner Image

Àrd-ollamh bho Oilthigh Minnesota gu bhith a toirt seachad òraid aig an t-Sabhal.



Bidh an t-Ollamh Diane J. Tedick, bho Oilthigh Minnesota anns na Stàitean Aonaichte, a toirt seachad òraid aig Sabhal Mòr Ostaig a mhios seo air a’ chuspair Meòrachadh air Ullachadh is Leasachadh Proifeiseanta an Neach-teagaisg Bogadh Cànain.

Bheir an taisbeanadh seo mìneachadh seachad air prògram ullachaidh ùr do thidsearan bun-sgoile aig ìre ro-sheirbheis is iar-cheuma a tha stèidhichte air foghlam bogaidh agus prògram leasachadh proifeiseanta in-sheirbheis do thidsearan a tha ag obair agus barantaichte mar-thà. Bheirear iomradh seachad air dòigh-obrach mheasgaichte nam prògraman (aghaidh ri aghaidh agus air-loidhne), bho thaobh oide-eòlais gu h-àraid. Bheirear sùil gu sònraichte air na buannachdan a chithear an lùib foghlam air-loidhne/measgaichte cho math ris na dùbhlanan agus na fuasglaidhean air cuid de na dùbhlain sin. Cluinnear tuairisgeul goirid air toraidhean an rannsachaidh a rinneadh air na beachdan aig tidsearan in-seirbheis air ionnsachadh air-loidhne.

Thèid an òraid a lìbhrigeadh air Diardaoin 21mh den Ògmhios ann an Seòmar Shomhairle, Ionad Iain Nobail aig 15.30f.  Tha an tachartas seo saor agus fosgailte don choimhearsnachd.