Skip to content
SMO Generic Banner Image

Oileanach na Bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig OGE



‘Se fear a rugadh agus a thogadh san Spàinn agus aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is dualchas na Gàidhlig a tha air ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna airson Sabhal Mòr Ostaig OGE.

Tha Marcel Gurillo, à Valencia, air bliadhna a dhà de na cùrsaichean ceuma aig Sabhal Mòr Ostaig agus chan eil ach dhà no trì bhliadhnaichean ann bhon thòisich e ag ionnsachadh Gàidhlig.  Gu ìre mhath, thog e a chuid Ghàidhlig bho leabhraichean agus bho theipichean agus thàinig e gu Sabhal Mòr Ostaig dìreach bhon sgoil.  An-uiridh, bha e na oileanach air a’ Chùrsa Chomais aig SMO agus tha e an dùil ceum le urram a thoirt a-mach ann an Cànan agus Cultar na Gàidhlig.   

Chan e a-mhàin gu bheil Marcel a’ coisinn chomharran fìor àrd anns na modalan aige ach tha e cuideachd air e fhèin a bhogachadh sa chànan agus san dualchas san ùine a tha e air a bhith seo.  Mar neach a thogadh le mion-chànan (Catalan), chithear gu bheil ùidh làidir aig Marcel ann an ceòl agus gu sònraichte ann an òrain Ghàidhlig. 

Thuirt An t-Oll Meg Bateman, aon de na h-aoidean aige, ‘Tha e glè shnog cuideigin aig a bheil mion-chànan eile a bhith a’ cur uiread de dh’ùidh sa Ghàidhlig. Chan e a-mhàin gu bheil e air Gàidhlig ionnsachadh gu sònraichte luath ach gu bheil e cho deònach a bhith ga bruidhinn agus ga seinn.’

Tha Marcel air cur gu mòr ri àrainneachd ionnsachaidh na Colaiste agus tha e an-còmhnaidh deònach pàirt a ghabhail ann an tachartasan eadar-dhealaichte agus a bhith na dheagh eisimpleir dha oileanaich eile.  Aig àm na Càisge agus rè an t-samhraidh bha e ag obair còmhla ri sgioba nan Cùrsaichean Goirid aig Sabhal Mòr Ostaig agus bha e air leth cuideachail dhan sgioba fhèin agus brosnachail dha luchd-ionnsachaidh eile. 

“ ’S gann a ghabhas mi creidsinn gun d’fhuair mi duais cho prìseil, an dèidh bliadhna a bha dìreach tlachdmhor torrach làn spòrs. ’S mise a tha uabhasach fhìn taingeil do mhuinntir an t-Sabhail Mhòir, gu h-àraid don luchd-oide sgoinneil a bh’ agam sa Chùrsa Chomais, is do na daoine coibhneil ceanalta a bha ri mo thaobh ga mo bhrosnachadh.”

Fhuair Marcel a theisteanas aig Ceumnachadh an t-Sabhail Dihaoine 2 Dàmhair 2015.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578