
Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain a’ toirt inneas air sgoiltean Gàidhlig an Eilein Sgitheanaich san 19mh linn
’S e an Dotair Ruairidh MacLeòid a bhios a’ toirt seachad an Òraid Chuimhneachaidh air Sir Iain Noble am-bliadhna, agus e gu bhith bruidhinn air a’ chuspair, ‘Sgoiltean Gàidhlig san Eilean Sgitheanach san 19mh linn’.
Chaidh an Òraid a stèidheachadh an-uiridh le Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Urras an Eilein, dà bhuidhinn ris an robh dlùth cheangal aig Sir Iain fad iomadh bliadhna, mar chuimhneachan air an obair mhòr a rinn Sir Iain don cholaiste, don sgìre agus don Ghàidhlig.
B’ ann air sgàth lèirsinn agus oidhirpean Shir Iain a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a chur air bhonn ann an 1973, a tha a-nis na cholaiste Ghàidhlig a tha a’ tabhann ghrunn chùrsaichean aig ìre fo-cheum is for-cheum tro mheadhan a’ chànain. Choisinn Sir Iain cliù dha fhèin na bheatha mar bhancair, neach-gnothaich agus neach-gnìomhachais, ach air a’ Ghàidhealtachd ’s dòcha gur e as motha a bhios cuimhne aig daoine air, an obair a rinn e a thaobh na Gàidhlig.
Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan: “Tha 40 bliadhna bhon a chaidh a’ Cholaiste a stèidheachadh agus tha sinn a’ comharrachadh sin ann an caochladh dhòighean tron bhliadhna. Tha e fìor iomchaidh gu bheil an tachartas sònraichte seo againn mar chuimhneachan is mar aithneachadh air an fhear a stèidhich a’ Cholaiste agus gur ann air eachdraidh foghlam Gàidhlig san eilean Sgitheanach a tha òraid na bliadhna seo. Tha sinn air leth toilichte gu bheil an Dr Ruairidh air aontachadh an òraid a liubhart agus faodaidh dùil a bhith againn ri òraid fhiosrachail, ghrinn, làn sgoilearachd.”
Bha Sir Iain cuideachd gu mòr an sàs ann an Urras an Eilein thar nam bliadhnaichean, urras a stèidhich e fhèin a tha a’ cur adhart phròiseactan cultarail is foghlaim aig a bheil ceangal ris a’ Ghàidhlig no ris an Eilean Sgitheanach.
Thuirt Murchadh Peutan, stiùiriche phròiseactan Urras an Eilein: “Tha cuideachd 40 bliadhna bho chaidh Urras an Eilein a chur air bhonn le Sir Iain. Bha ùidh mhòr aige ann am foghlam Gàidhlig mar dhòigh air an cànan a bhrosnachadh agus a neartachadh, agus, sìos tro na bliadhnaichean, tha an t-Urras air taic a thoirt do iomadh pròiseact anns an raon seo. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ris an òraid aig an Dr Ruairidh air cuspair a tha cho iomchaidh.”
Buinidh an Dr MacLeòid do Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath agus bha e bliadhnaichean na mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus do ghluais e gun Fhùirneis ann am Meadhan Earra-Ghàidheal. Bha e na Chomhairliche air Comhairle nan Eilean nuair a chaidh an t-ùghdarras ionadail a stèidheachadh. Tha e air a bhith na fhear-deasachaidh air Na Duilleagan Gàidhlig airson na h-iris ‘Life and Work’ aig Eaglais na h-Alba airson iomadh bliadhna agus ’s e an Dr MacLeòid a ghabh seirbheis cuimhneachaidh Iain Noble ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann anns a’ Ghiblean 2010.
A’ coimhead air adhart chun na h-òraide, thuirt an Dr MacLeòid: “Tha mi ga mheas mar urram mòr gun d’ fhuair mi cuireadh an òraid seo a thoirt seachad mar chuimhneachan air ar deagh charaid, Iain Noble, nach maireann. Tha ionndrainn air fhathast, agus cha tèid a chliù air dìochuimhne, oir timcheall oirnn san Eilean Sgitheanach tha iomadh comharradh agus sùileachan air an obair mhìorbhailich a rinn e às leth cànan, cultar agus beò-shlaint nan Gàidheal. Tha an sìol a chuir Iain còir dà fhichead bliadhna air ais a’ giùlan toraidh gu h-iongantach bliadhna an dèidh bliadhna, agus tha am bàrr a’ fàs nas torraiche mar a tha na bliadhnachan a’ dol seachad.”
Thèid an òraid a lìbhrigeadh air Diluain 2 Sultain aig 7.30f ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha fàilte ron a h-uile duine agus tha e an-asgaidh. Thèid an òraid a thoirt seachad ann an Gàidhlig, ach bidh innealan eadar-theangachaidh ann do dhaoine aig nach eil Gàidhlig. Bidh ceòl ann cuideachd agus aoigheachd às dèidh làimh.