Skip to content
SMO Generic Banner Image

Thathar a’ sireadh bheachdan air Plana Gàidhlig Shabhal Mòr Ostaig



Tha cothrom aig daoine beachdan a thoirt seachad air an dàrna Plana Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig mar phàirt de cho-chomhairle phoblach a tha ga cumail an-dràsta air an dreachd den phlana ùr. Chaidh a’ chiad Phlana Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig fhoillseachadh ann an 2012.

Chaidh am Plana ùr ullachadh fo chumhachan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus tha e na amas le planaichean cànain reachdail gun cuidich buidhnean poblach leis an obair gus suidheachadh na Gàidhlig a thoirt air adhart ann an Alba. Tha am plana aig a’ Cholaiste a’ sònrachadh nan diofar dhòighean sa bheil Sabhal Mòr Ostaig an dùil leasachaidhean a chur an sàs a neartaicheas cor na Gàidhlig san ath chòig bliadhna.

Thuirt Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan: “Mar Ionad Nàiseanta na Gàidhlig, tha a’ chànan aig cridhe na Colaiste agus tha sinn a’ cleachdadh na Gàidhlig mar mheadhan teagaisg, ionnsachaidh, rannsachaidh is sgoilearachd agus mar chànan làitheil obrach is chonaltraidh. Tha an dàrna Plana Cànain seo a’ cur an cèill mar a thogas sinn air na bunaitean làidir a th’againn agus mar a tha sinn an dùil àrainneachd Ghàidhlig na Colaiste a neartachadh sna bliadhnaichean air thoiseach.”

Tha am Plana a’ togail air Poileasaidh Cànain na Colaiste agus a’ neartachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg oileanaich agus luchd-obrach an t-Sabhail. Gheibhear lethbhreac den dreachd den Phlana Ghàidhlig gu h-ìosal, no faodaidh daoine lethbhreac pàipeir iarraidh le bhith cur fòn gu Oifigear Leasachaidh Cànain na Colaiste, Janni Diez, aig 01471 888440. Bidh a’ cho-chomhairle phoblach a’ tighinn gu crìch aig 5f air 12 Cèitean.

 

Plana Gàidhlig 2017-2022

Ceisteachan

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578