Skip to content
SMO Generic Banner Image

Pod-Chraoladh Ùr Gàidhlig



‘S e pod-chraoladh ùr a th’ anns “A’ Chrannag” air an cluinnear sgeulachdan goirid ùr sa Ghàidhlig le sgrìobhadairean ùr is aithnichte.

Bheir Ruairidh Greumach sgeulachd ùr dhuinn anns a’ chiad sreath gach dàrna Didòmhnaich. Bidh na sgeulachdan rin cluinntinn aig www.crannag.org, agus air iTunes is na dòighean pod-chraolaidh eile.

‘S e earrann de sheann sgeul Gàidhealach Buile Shuibhne cuspair an t-sreatha seo agus sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathan, Lana Pheutan agus Morag Law ri chluinntinn. Bidh a’ chiad sgeulachd le Calum L. MacLeòid a’ nochdadh air-loidhne a dh’aithghearr – dèan ceangal agus thoir a-nuas earrann dheth an-dràsta!

Thuirt riochdaire a’ phod-chraolaidh, Hector MacAonghais:

“Tha fadachd oirnn gus an cluinn sinn a’ chiad sreath den A’ Chrannag. Tha na sgeulachdan fhèin a’ taisbeanadh sgrìobhadh ùr is traidiseanta na Gàidhlig, agus bidh sinn a’ dol an sàs ann an saoghal eile anns gach sgeulachd. Tha sinn air ar dòigh glan cuideachd gu bheil sinn a’ pod-chraoladh sa Ghàidhlig. ‘S e meadhan ùr sgoinneil an 21a linn a th’ ann am pod-chraolaidhean agus, ged a tha sinn an dòchas gum bi fèill mhòr air a’ Chrannag fhèin, tha sinn airson a h-uile duine a tha am beachd pod-chraoladh a dhèanamh a bhrosnachadh cuideachd.”

Tha tuilleadh fiosrachaidh aig www.crannag.org

Tha “A’ Chrannag” air taic mhaoineachaidh fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus tha i air taic fhaighinn bho Fhèisean nan Gàidheal agus Comhairle nan Leabhraichean cuideachd. Chaidh a dhealbhadh le taic agus cuideachadh bho Shabhal Mòr Ostaig agus Stiùidio Ostaig.

Tha tuilleadh fiosrachaidh aig Hector MacAonghais aig hec.macinnes@gmail.com

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578