Skip to content
SMO Generic Banner Image

Puirt bhon Dachaigh



Christine Primrose leis an òran ‘Àite Mo Ghaoil’ le Rob Calum MacLeòid às na Gearranan, Eilean Leòdhais. ’S ann a Càrlabhagh a tha Christine agus tha i na Ceannard Òrain Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig is na neach-oide air a’ chùrsa BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta: http://bit.ly/GàidhligIsCeòl

 

 

Seo bhideo a rinn Stiùiriche a’ chùrsa BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, Dr Decker Forrest, is e a’ toirt dhuinn Puirt bhon Dachaigh.  Innsidh e fhèin dhuinn mar a thàinig an smuain a-steach air:

Hello a chàirdean! Tha mi an dòchas gu bheil sibh uile a’ cumail gu math agus sàbhailte. Leis gu bheil mi a’ cosg tòrr ùine aig an taigh, tha e a’ toirt orm smaoineachadh air a’ cheòl a tha co-cheangailte ris na dachaighean againn, ge bith dè tha ‘dachaigh’ a’ ciallachadh dhuinn; far a bheil thu an-dràsta no, ma dh’fhaoidte, àiteigin eile. Tha mi fhìn a’ fuireach ann an Camus Crois – baile beag snog ann an Slèite an taobh a deas an Eilein Sgitheanaich, mu 10 mìle bho Shabhal Mòr Ostaig. Sgrìobh am pìobaire aithnichte, Ailean Dòmhnallach, agus an nàbaidh agam, Graeme MacKenzie, caismeachd 2/4 leis an ainm ‘Camus Croise’ anns na 80an. Rinn mi clàr beag dheth an seo, còmhla ri port beag aig an toiseach a rinn mi fhìn o chionn goirid – ‘Àird Snaosaig’- ’s e sin am pìos fearann far a bheil mi nam sheasamh anns a’ bhideo seo, an taobh a deas Chamus Crois (a chì thu air mo chùlaibh).

Càite bheil an ‘dachaigh’ agaibhse?  Dè na h-òrain is fuinn a tha co-cheangailte ris?  Carson nach innis sibh dhuinn is nach cuir sibh bhideo thugainn?  #PuirtBhonDachaigh

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578