Skip to content
SMO Generic Banner Image

Sgeama Luchd Ceumnachaidh 2011/12: Cothroman obrach ùra son triùir luchd-ceumnachaidh



Tha Comunn na Gàidhlig, (CnaG) air foillseachadh trì dreuchdan às ùr a tha iad airson an lìonadh le luchd-ceumnachaidh.  Tha seo mar phàirt de Sgeama Luchd Ceumnachaidh 2011/12.  Tha an Sgeama, a th’™air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, ag amas air luchd ceumnachaidh aig am bheil Gàidhlig agus a bu mhiann obair fhaighinn ann an roinnean leasachaidh Gàidhlig.  Tha na dreuchdan sa a th’ air am foillseachadh às ùr stèidhte an Steòrnabhagh, Slèite, san Eilean Sgitheanach is Inbhir Nis le Acair, Sabhal Mòr Ostaig is Comann nam Pàrant.  Tha iad seo, a thuilleadh air dreuchd a thathas mu thràth air a lìonadh aig Pròiseact nan Ealan, a’ ciallachadh gum bith ceathrar ùra air an Sgeama am bliadhna.

Thuirt Leasaiche Cànain Bòrd na Gàidhlig, Daibhidh Boag:’Tha’˜n sgeama seo air a bhith soirbheachail gu ruige seo agus tha mi glè chinnteach gum faigh an luchd-ceumnachaidh seo cothrom math dha-rìribh.  Tha e deatamach gum bi cothroman obrach aig luchd-ceumnachaidh airson taic a chumail ri leasachaidhean cànain agus leasachaidhean eaconomaidh. Tha’˜n dà rud gu math cudromach agus tha ceangal làidir eatorra.’

Thuirt Eilean Green, a th’ air greis-gnìomhachais còmhla ri MG ALBA:’Tha Sgeama Luchd Ceumnachaidh aig Comunn na Gàidhlig air a bhith cianail fhèin feumail agus tha mi air tòrr chothroman mhìorbhaileach fhaighinn san obair a fhuair mi tron sgeama.  Tha e glè dhuilich airson daoine òga mar mi fhèin a bhith a’ crìochnachadh oilthigh is a’ lorg obair gun mòran eòlas air saoghal na h-obrach, is mar sin tha e uabhasach cudthromach gu bheil  CnaG a’ tabhann obair dha luchd-ceumnachaidh a leasaicheas an cuid sgilean is misneachd.  Tha mi cho taingeil gun tug CnaG agus MG ALBA a’ chothrom seo dhomh agus mholainn-sa dha duine sam bith a chur a-staigh airson Sgeama Luchd-ceumnachaidh CnaG.”

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG:’Tha mi air leth toilichte gu bheil Bòrd na Gàidhlig a’ toirt aithne do luach an Sgeama sa le bhith a’ toirt ionmhas dhuinn airson ceathrar luchd-ceumnachaidh fhaighinn a-steach a dhiofar ghnìomhachasan.  Tha na dreuchdan a tha sinn air fhoillseachadh an diugh a’ toirt a’ chothrom do luchd ceumnachaidh, a tha fileanta sa Ghàidhlig agus aig am bheil sgilean riatanach, cur ris an obair a tha na buidhnean a’ dèanamh mar-thà, a’ togail air na sgilean a chaidh ionnsachadh tron chùrsa foghlaim, agus a’ togail sgilean ùra mar a thathas a’ dol air adhart.’

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu na trì dreuchdan, thigibh gu www.cnag.org.uk no post-d gu calumiain@cnag.org.uk

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mun sanas naidheachd seo cuiribh fòn gu: Calum Iain MacLeòid, Stiùiriche Leasachaidh, 01851 701802 / 07833350775.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578