SGOILEARACHD EALAIN JON SCHUELER GA TABHANN AIG SABHAL MÒR OSTAIG AIRSON AN DÀRNA UAIR
Tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, gu bhith tabhann sgoilearachd, eadar-nàiseanta airson nan ealain lèirsinne do neach-ealain a thig air mhuinntireas chun na colaiste agus seo a’ leantainn air a’ chiad sgoilearachd a chaidh a ghabhail le dealbhadair ainmeil à Iapan.
’S e com-pàirteachas air leth sònraichte a th’ ann an Sgoilearachd Jon Schueler eadar Sabhal Mòr Ostaig ann an Alba is Urras Carthannais Jon Schueler ann an New York agus bidh e a’ cur ri toraidhean prògram an luchd-ealain air mhuinntireas aig SMO a tha faighinn taic bho Alba Chruthachail tron phrògram aca, Cinn-uidhe Chruthachail. Gach bliadhna, gheibh neach-ealain eadar-dhealaichte cothrom air an sgoilearachd a thèid a thabhann suas gu 2016. Chaidh a stèidheachadh mar chuimhneachan air beatha, obair is buaidh an neach-ealain chliùitich Jon Schueler (1916 – 1992), peantair eas-chruthach, expressionist agus mar chomharra air an dàimh làidir a bh’ aige ri cruth-tìre is àrainneachd na Linne Slèitich.
Thuirt Kath NicLeòid, an t-Oifigear Leasachaidh Ealain aig SMO: “Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith toirt Sgoilearachd John Schueler do neach-ealain eile air mhuinntireas am-bliadhna. An-uiridh chuir còrr is 200 neach-ealain lèirsinne bho Alba, an Rìoghachd Aonaichte agus bho air feadh an t-saoghail a-steach air a shon. Tha an uiread a chuir a-steach an turas mu dheireadh, cho sònraichte math agus a bha an obair aca, agus an t-eadar-dhealachadh san obair sin uile air ar misneachadh gu mòr agus tha e a’ sealltainn an spèis a th’ aig daoine don obair a rinn Jon Schueler. Tha an sgoilearachd a’ toirt cothrom do luchd-ealain beachdan is smaointean a roinn le càch ann an àrainneachd ealain Ghàidhlig an seo aig SMO, sa bheil diofar sheòrsaichean ealain agus cultar am pailteas, agus cothrom a bhith air an gluasad gu ealain san àrainneachd sin. Fhuair an neach-ealain ainmeil Takeshi Shikama a’ chiad sgoilearachd an-uiridh, chan e a-mhàin gun tug cruth-tìre an eilein buaidh air a obair fhad ’s a bha e an seo, ach cuideachd dhrùidh ceòl na Gàidhlig air mar neach-ealain, agus chaidh taisbeanadh de obair Takeshi a shealltainn aig SMO ann an 2013, a’ chiad turas a chaidh obair an Iapanaich a shealltainn san Rìoghachd Aonaichte.”
Thuirt Takeshi: “Bha mi cho taingeil gun d’ fhuair mi an cothrom seo saoghal ùr fhaicinn, a thug sùileachan dhomh agus dòighean ùr gus nithean fhaicinn. Tha na dh’ionnsaich mi air leth prìseil dhomh. Leanaidh e annam agus bheir e buaidh air m’ obair airson an còrr dem bheatha.”
Tha an Sgoilearachd fosgailte do luchd-ealain eadar-nàiseanta, Albannach no bhon Rìoghachd Aonaichte a tha ag obair air ìre ealantais fìor àrd ann am meadhan lèirsinne agus aig a bheil ùidh gu sònraichte ann an seallaidhean tìre is mara agus an àrainneachd. Tron Sgoilearachd, faodaidh an neach-ealain a bhith stèidhichte fad mìosan an t-samhraidh is an fhoghair san Stiùidio Ealain aig SMO, a tha suidhichte ann am Fàs, an t-Ionad airson nan Gnìomhachasan Cruthachail is Cultarach.
Thathar a-nis a’ sireadh iarrtasan airson Sgoilearachd Jon Schueler airson nan Ealain Lèirsinne, 2014, agus mairidh ùine na Sgoilearachd eadar an Lùnastal is an Dàmhair 2014. Bidh cothrom aig an neach a gheibh an sgoilearachd, a bhith rannsachadh agus a’ cur air adhart phròiseactan is ag obair fad 3 mìosan ann an stiùidio ealain air leth goireasach le sealladh iongantach air an Linne Shlèiteach, an caolas a thug uiread buaidhe air Schueler fhèin mar neach-ealain.
Aig deireadh na h-ùine còmhnaidh aca, bidh cothrom aig an neach-ealain taisbeanadh dhen obair aca a chur air dòigh aig Sabhal Mòr Ostaig, agus thathar an dòchas gun tèid taisbeanadh sònraichte de ‘Thoraidhean Sgoilearachdan Jon Schueler’ a chumail aig deireadh nan ceithir bliadhna le obair bhon luchd-ealain uile a fhuair sgoilearachd.
Bu chòir iarrtasan airson Sgoilearachd Jon Schueler na bliadhna sa a bhith a-staigh ro 3 Gearan 2014. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhlaibh air http://www.smo.uhi.ac.uk/en/ealain-is-cultar/jon-schueler