SGOILEARACHD JON SCHUELER
Neach-ealain Lèirsinne air Mhuinntireas
Tha e a’ toirt toileachas mòr do Shabhal Mòr Ostaig agus Urras Carthannach Jon Schueler an naidheachd fhoillseachadh gum bithear a’ tairgse cothrom do dhaoine air Sgoilearachd Jon Schueler a-rithist. Tha an sgoilearachd a’ toirt cothrom do neach-ealain lèirsinne trì mìosan a chur seachad air mhuinntireas aig Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, ann an Slèite san Eilean Sgitheanach.
Chaidh an sgoilearachd a stèidheachadh gus comharra a dhèanamh agus cuimhne a chumail air beatha, obair agus buaidh an neach-ealain chliùitich agus a’ pheantair eascruthaich, Jon Schueler (1916-1992). Thug cruth-tìre is àrainneachd na Linne Shlèitich buaidh mhòr air obair Schueler agus bha dlùth-cheangal eadar an neach-ealain agus an àrainneachd sin.
Leis a’ ghreis seo air aoigheachd, gheibh neach-ealain lèirsinne proifeiseanta cothrom air leth gus trì mìosan a chur seachad air mhuinntireas ann an stiùidio ealain sònraichte air oirthir an Eilein Sgitheanaich le seallaidhean eireachdail air an Linne Shlèitich. Thathar an dùil gum foillsich an neach-ealain air mhuinntireas an obair aca ann an taisbeanadh poblach aig deireadh na h-ùine aca.
Tha iarrtasan airson a’ phrògraim chliùitich eadar-nàiseanta seo a-nis fosgailte, agus ‘s e 14 Samhain 2025, 5f (GMT) an ceann-latha dùnaidh airson iarrtasan.
Chan eil cìs iarrtais ann. Thèid a’ ghreis air mhuinntireas a chumail as t-samhradh/as t-fhoghar 2026.
Riatanasan Iarrtais
Thèid iarraidh air luchd-iarrtais am fiosrachadh a leanas a chur ris an fhoirm-iarrtais an seo.
1. Fiosrachadh Pearsanta
- Ainm slàn
- Seòladh
- Seòladh puist-d
2. Dearbhadh Iomchaidheachd
- Dearbhadh gu bheil an neach-iarrtais air a bhith taobh a-muigh foghlam foirmeil fad trì bliadhna aig a’ char as lugha.
3. Aithris Sgrìobhte
- Aithris Neach-ealain (200 facal): Meòrachadh air an dòigh-obrach, na cuspairean is na h-adhbharan ealanta agad.
- Geàrr-chunntas Neach-ealain (200 facal): Cunntas goirid air do shlighe-obrach, na choisinn thu agus taobh na h-ealain agad an-dràsta.
- Moladh Greis Chòmhnaidh: Cunntas mionaideach air na rannsaicheadh, na leasaicheadh is na bheireadh tu gu buil sa ghreis air mhuinntireas.
4. Sgrìobhainnean Taic
- Cunntas-beatha: Fiosrachadh air taisbeanaidhean, greisean còmhnaidh, foillseachaidhean is eòlas iomchaidh sam bith eile.
- Tuairmse air Cosgaisean Siubhail: Mìneachadh air cosgaisean siubhail ris am bitheadh dùil, is tu a’ tighinn gu/a’ fàgail na greis air mhuinntireas.
- Liosta Obraichean: Tiotalan, cinn-latha, meadhanan is tuairisgeulan goirid air taghadh de dh’obraichean ealain.
- Faidhlichean Ceangailte: Eisimpleirean lèirsinneach de do chuid obrach (ìomhaighean, PDFan is eile).
Thèid tagraichean soirbheachail a chur ri geàrr-liosta agus thèid cuiridhean gu agallamh a sgaoileadh nuair a bhios gairm nan iarrtasan dùinte.
Tha am foirm-iarrtais ri fhaighinn an seo.
“Tha mi cho taingeil gun d’ fhuair mi an cothrom luirg seo, a tha air mo shùilean fhosgladh gu dòigh ùr air coimhead. Tha mi a’ cur luach mòr air. Bidh cuimhne agam air agus bheir e buaidh air mo chuid obrach gu bràth tuilleadh.”
Takeshi Shikama, Neach-ealain air Mhuinntireas Jon Schueler 2013
“Tha an cothrom a bhith ag obair fad trì mìosan ann an co-theacsa sònraichte cultar is cànan na Gàidhlig, stèidhichte san Eilean Sgitheanach anabarrach àlainn, agus am measg dhaoine thaiceil is inntinneach, air slighean ùra fhosgladh dhomh nam chuid obrach. Gun teagamh, tha am muinntireas seo am measg an fheadhainn as brosnachaile anns an robh mi riamh an sàs.”
Helmut Lemke, Neach-ealain air Mhuinntireas Jon Schueler 2014
Luchd-ealain
Bho 2013, nuair a thòisich Sgoilearachd Jon Schueler, tha ochdnar Neach-ealain air Mhuinntireas air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig bho air feadh an t-saoghail. Gu h-ìosal, gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu gach neach-ealain agus an obair a chuir iad ri chèile fhad ‘s a bha iad stèidhichte an seo san Eilean Sgitheanach.









