Tabhartas ùr do dh’oileanaich a bheir sùil air saothair is saoghal Clann MhicMhuirich
Thadhail Bob MacMhuirich, Ceann-suidhe Comann Clann MhicMhuirich, air Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain seo (Dimàirt 17 Giblean) gus Duais Clann MhicMhuirich fhoillseachadh, tabhartas ùr a bhios ri fhaotainn gach bliadhna do dh’oileanaich na colaiste a nì rannsachadh air bàrdachd, litreachas agus eachdraidh Clann MhicMhuirich.
Thuirt Mgr MacMhuirich, a thàinig bho na Stàitean Aonaichte gus an duais fhoillseachadh:’Tha e na thoileachas mòr do Chomann Clann MhicMhuirich a bhith stèidheachadh Duais Clann MhicMhuirich còmhla ri Sabhal Mòr Ostaig, duais a bheir taic do dh’oileanaich a nì rannsachadh sònraichte air Clann MhicMhuirich, an cuid bàrdachd is litreachais agus eachdraidh na fine. Ged a chaidh tòrr a sgrìobhadh mu thràth mu na bàird ainmeil bhon t-sliochd seo, tha sinn a’ tuigsinn a-nis gu bheil tòrr a bharrachd obair sgoilearachd a dhìth a bheir dhuinn sealladh às ùr air ar sinnsirean. Mar eisimpleir, cha deach mòran sgrùdaidh a dhèanamh air Clann MhicMhuirich ann am Muile, Ratharsair no Colbhasa. Tha e na fhìor adhbhar moit do Chomann Clann MhicMhuirich gun urrainn dhuinn taic a chur ris an t-seòrsa rannsachaidh sin.’
Thuirt Proifeasair Ùisdean Cheape, Stiùiriche airson a’ chùrsa MSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd:’Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Bob MacMhuirich bho Chomann Clann MhicMhuirich a thàinig gus an taic seo do dh’oileanaich an t-Sabhail Mhòir fhoillseachadh. Tha Bob agus an Comann, a tha stèidhichte thall anns na Stàitean, ag iarraidh leis a’ bhursaraidh seo’ Duais Clann MhicMhuirich’ a bhith a’ toirt brosnachadh sònraichte do dh’oileanaich na Colaiste rannsachadh domhainn a dhèanamh air bàird Clann MhicMhuirich. Thàinig an sliochd iomraiteach seo bho Mhuireadhach Albannach à Dólaigh a bha beò san 13mh linn. Fad nan 900 bliadhna bhon uair sin thug bàird ainmeil Clann MhicMhuirich òrain, seanchas, oideachas agus tòrr a bharrachd dhuinn agus iad nam bàird dhreuchdail do Thighearnan nan Eilean agus Cinn-cinnidh Clann Raghnaill. Tha Comann Clann MhicMhuirich ag iarraidh barrachd de dh’eachdraidh nam bàrd sin a thoirt am follais agus an eachdraidh sin a chumail fo ar n-aire agus tha sinne anns a’ Cholaiste air leth taingeil don Chomann airson na taice prìseil seo do dh’obair rannsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig air a’ chuspair seo.’