Tachartasan Sònraichte a’ toirt greis Sgoilearachd Jon Schueler aig Helmut Lemke aig an t-Sabhal Mhòr gu crìch.
Tha Helmut Lemke, a’ taisbeanadh blasaid den dòigh-obrach ealain is obair leantainneach aige is e a’ toirt a ghreis mar Neach-ealain Jon Schueler gu crìch.
Tha Helmut a’ cur tachartais air dòigh air Diciadain 8 An Dàmhair anns an Talla Mhòr aig Sabhal Mòr Ostaig bho 7.30f anns am bi fuaim / ceòl / bàrdachd is taisbeanadh ùr-nodha. Bidh Helmut a’ cluich nan teudan fada -‘s e inneal-ciùil tha anns na teudan-fada a bhios ag atharrachadh a rèir na làraich anns a bheil iad – thòisich Helmut air an cluich o chionn 30 bliadhna. Tha na teudan a’ freagairt ris an àite thaisbeanaidh agus uaireannan bidh iad cho fada ri na ceudan meatar a dh’fhaid. Bidh Neach-ealain Lèirsinneach an t-Sabhail Mhòir, MacGillivray, Sgrìobhaiche an t-Sabhail, Coinneach Lindsay, na bàird, Rody Gorman is Meg Bateman agus aoighean sònraichte ann cuide ri Helmut air an oidhche. Bidh oidhche thlachdmhor is inntinneach ann.
Bidh Helmut a’ toirt seachad a chuid smuaintean is a chiad tòraidhean dhuinn bhon ghreis aige air mhuinntireas air Diciadain 22 An Dàmhair anns an Atrium, Àrainn Chaluim Chille, Sabhal Mòr Ostaig agus an uair sin anns an Stiùideo Ealain ann am Fàs. Seallaidh e dhuinn dealbhan mar fhreagairt air an àrainneachd chlaisneachd aig Sabhal Mòr Ostaig. Nì e aithris air an ùine a chuir e seachad an seo agus air an taic a fhuair e bho choimhearsnachd an t-Sabhail Mhòir agus ciamar a thug an t-eòlas ùr aige air cànan is dualchas na Gàidhlig buaidh air a phròiseact. Tha Helmut ag obair an-dràsta air leabhar a thèid fhoillseachadh san Dùbhlachd agus chithear a’ chiad sealladh den leabhar air an oidhche fhèin.
http://klang-cluinn-sound.tumblr.com/
’S e com-pàirteachas air leth sònraichte a th’ ann an Sgoilearachd Jon Schueler eadar Sabhal Mòr Ostaig is Urras Carthannais Jon Schueler, le taic bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, agus bidh e a’ cur ri toraidhean prògram an luchd-ealain air mhuinntireas aig SMO a tha faighinn taic bho Alba Chruthachail. Gach bliadhna, gheibh neach-ealain eadar-nàiseanta cothrom air an sgoilearachd a thèid a thabhann eadar 2013 – 2016. Chaidh a stèidheachadh mar chuimhneachan air beatha, obair is buaidh an neach-ealain chliùitich Jon Schueler (1916 – 1992), peantair eas-chruthach, ‘expressionist’, agus mar chomharra air an dàimh làidir a bh’ aige ri cruth-tìre is àrainneachd na Linne Slèitich.