Prògram 5: Flòraidh Guidi

Bho a bhith a’ cur Gàidhlig air leabhraichean sgoile an oidhche ro làimh sna h-ochdadan, gu bhith na ciad cheannard aig sgoil Ghàidhlig ùr fa leth sna h-Eileanan, tha an t-uamhas eòlas aig Flòraidh Guidi. An t-seachdain seo, tha i an cuideachd Gwen, ‘son am prògram mu dheireadh san t-sreath.

Tha iad a’ bruidhinn air mar a bha e coltach sna ciad làithean sin – gun ghoireasan no eòlas air an dòigh as fheàrr foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh. Chuir Flòraidh feum air taic na coimhearsnachd is tidsearan eile.

Leis gun robh Flòraidh ann an aonad Gàidhlig ann an sgoil Bheurla cheana is i a nise os cionn sgoil Ghàidhlig, tha i toirt a beachd air mar a tha gach suidheachadh eadar-dhealaichte agus cho cudromach sa tha e a bhidh dèanamh cinnteach gu bheil àite aig a Ghàidhlig ann an àrainneachd Bheurla. 

Tha i cuideachd ag innse do Gwen mu cheannardas agus na dòighean as fheàrr luach fhaighinn bhon sgioba gu lèir. Tha beagan ann mu buannachdan a’ chùrsa Streap, agus mun dragh a th’ air gu leòr thidsearan mu dhi-mhisneachd nan comasan cànain fhèin. Agus, a thaobh sgoilearan, dè tha a dhìth airson farsaingeachd de chainnt a bhrosnachadh. 

Ach a bharrachd na càil eile, ge-tà, tha i misneachail mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a Ghàidhlig fhèin. Deagh dhòigh crìoch a chuir air an t-sreath.

Tha sinn an dràsta a’ tional bheachdan ‘son sreath a’ dhà. Ma tha smuain sam bith agaibh air dè chòrd ribh is dè nach do chòrd san t-sreath seo, dè eile dh’ iarradh sibh cluinntinn no cò bhiodh math mar aoigh, cuir fios thugainn air na meadhanan sòisealta, no air , bhiodh e cianail fhèin math cluinntinn bhuaibh. 

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun phod-chraoladh agus na daoine a tha sàs ann, seo na ceanglaichean:

Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig

https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/

BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta: Cùrsa Ciùil

https://www.smo.uhi.ac.uk/course/ba-urram-gaidhlig-is-ceol-traidiseanta/

Telt Media

https://telt.media/

Sonas Design

https://www.sonadesign.co.uk/

Oideas
Oideas
Prògram 5: Flòraidh Guidi
Loading
/