
BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl
DUAIS: Ceum (le Urram),Cùrsaichean air Astar,Fo-cheumDÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air an Làraich,Làn-ùine
DÈ CHO FADA: 4 Bliadhna
CÒD: UQW53
NEACH-STIÙIRIDH: An Dr Decker Forrest
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )
FEARTAN SÒNRAICHTE
’S e am BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl an aon chùrsa ceuma tro mheadhan na Gàidhlig far am faigh luchd-ciùil traidiseanta cothrom ceòl, eachdraidh is dualchas na Gàidhealtachd a sgrùdadh, an lùib Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte. Bidh oileanaich an sàs ann an obair aghaidh-ri-aghaidh is obair clas far am bithear a’ rannsachadh caochladh chuspairean a bhios riatanach ann an dreuchdan ciùil soirbheachail iom-fhillte. Gheibh iad cuideachd an cothrom an sgilean a thaisbeanadh gu cunbhalach air tursan is aig fèisean mòra ciùil agus bidh cothrom airson semeastar a chur seachad a’ rannsachadh ciùil ann an Èirinn no Canada anns a’ cheathramh bliadhna.
MÌNEACHADH
Tha caochladh chuspairean practaigeach is teòiridheach an lùib am BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl a bhios riatanach airson dreuchd ann an saoghal a’ chiùil. Gheibh thu teagasg aghaidh-ri-aghaidh ann an speisealachadh an oileanaich, a thuilleadh air obair-bhuidhne, seinn, teòiridh ciùil, cruthachadh is cothromachadh, eachdraidh ceòl na Gàidhlig, clàradh is riochdachadh agus eòlas gnìomhachais.
Gheibh thu cuideachd an cothrom do sgilean a thaisbeanadh gu cunbhalach air tursan is aig fèisean mòra ciùil agus bidh cothrom airson semeastar a chur seachad a’ rannsachadh ciùil thall thairis anns a’ cheathramh bliadhna.
Thèid sgilean traidiseanta taisbeanaidh/cluiche a theagasg leis na h-ionnstramaidean a leanas ach thèid beachdachadh air ionnstramaidean eile cuideachd ma thèid am mìneachadh san iarrtas agad: bogsa, fidheall, duiseal is fìdeag, òrain Ghàidhlig, giotàr, a’ phìob mhòr, clàr-iuchrach agus clàrsach.
Bidh oileanaich a’ leantainn slighe a’ Chùrsa Chomais no Gàidhlig is Conaltradh air bliadhna 1 ach le modalan sònraichte a bharrachd mu choinneimh a’ cheum BA (Urram) Gàidhlig agus Ceòl.
SUSBAINT
Bithear a’ sùileachadh gum bi beagan Gàidhlig agad mus tòisich thu air a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl, agus a rèir nan comasan agad bidh thu a’ leanntainn an CertHE An Cùrsa Comais no an CertHE Gàidhlig is Conaltradh anns a’ chiad bhliadhna.
- Air bliadhna 1, gheibh thu na modalan ciùil annas-làimhe (obair buidhne, teagasg aon-gu-aon agus seinn buidhne) agus teòiridh, cruthachadh is cothromachadh.
- Air bliadhna 3, bidh obair buidhne, teagasg aon-gu-aon, òrain Ghàidhlig agus eachdraidh ceòl na Gàidhlig.
- Air bliadhna 3, bidh thu a’ dèanamh pròiseact, agus a’ tòiseachadh rianachd ghnìomhachais agus clàradh is riochdachadh air an treas bliadhna. Thèid tuilleadh ionnsachadh mu agus eachdraidh ceòl na Gàidhlig agus bidh cothrom ann air foghlam ciùil ionnsachadh.
- Air bliadhna 4, a bharrachd air obair buidhne, òrain Ghàidhlig, teagasg aon-gu-aon, bidh agad ri tràchdas a dhèanamh agus bidh cothrom agad a dhol thall thairis airson semeastar.
MODALAN RIATANACH
Module Code:
Credits:
Airson an structair aig Ìre SCQF 7, faic An Cùrsa Comais agus Gàidhlig is Conaltradh. Feumaidh oileanaich a thaghas Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta na modalan Ceòl agus Òrain Ghàidhlig 1 agus Teòiridh 1 a thaghadh mar na modalan roghainneil aca.
Module Code: UW307227
Credits: 20
Bidh oileanaich ag obair ann an còmhlain airson pìosan ciùil (rin seinn agus rin cluich) a chruthachadh. Thèid na pìosan ciùil sin a chluich air beulaibh dhaoine, ann an suidheachadh cuirm ciùil, agus ann an deuchainn.
A bharrachd air a seo, bidh oileanaich ag ionnsachadh briathrachas-ciùil.
Gheibh gach oileanach teagasg fa leth anns a’ chuspair spèisealta a tha iad fhèin a’ taghadh. Thèid mu 91 uairean a chosg ag obair air cuspair spèisealta an oileanaich, le mu 24 uairean air teagasg aon-ri-aon agus 65 uairean air teagasg còmhlain. Gheibhear teagasg air seinn, mar bhuidheann, airson 24 uairean sa bhliadhna.
An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir don oileanach a bhith air ionnsachadh:
- Sgilean taisbeanaidh/cluiche iomchaidh a thaobh cuspair spèisealta an oileanaich;
- Sgilean còmhlain a thaobh cuspair spèisealta an oileanaich agus seinn mar bhuidheann;
- Tuigse air briathrachas ciùil.
Module Code: UW307228
Credits: 20
Anns a’ mhodal seo, ionnsachaidh oileanaich mu dheidhinn ruitheam, structar agus cothromachadh (composition) ann an ceòl Gàidhlig. Cuideachd, gheibh iad deagh thuigse air teòiridh ciùil, còrdan agus briathrachas ciùil Ghàidhlig. Tha seiseanan ann mu dheidhinn riochdachadh fuaim anns an stiùidio cuideachd. Tha am modal seo air a lìbhrigeadh uair san t-seachdain thairis air semeastar 1 agus 2.
An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bidh na sgilean a-leanas aig an oileanach:
- Tuigse air teòiridh ciùil bunaiteach agus briathrachas sa Ghàidhlig co-cheangailte ris a’ chuspair;
- Sgilean bunaiteach cothromachaidh agus cruthachaidh;
- Eòlas air bathar-bog Sibelius a chleachdadh airson pìosan ciùil grinn is mionaideach a chruthachadh.
Module Code: UQ508491
Credits: 20
Bidh am modal seo a’ daingneachadh nan sgilean cànain a dh’ionnsaich an t-oileanach aig ìre 7. Thèid eacarsaichean sònraichte a chleachdadh gus sgilean bruidhinn, sgrìobhaidh agus èisteachd a neartachadh. Thèid Gàidhlig de dhiofar stoidhlichean a sgrùdadh gus structairean iom-fhillte, faclaireachd agus ghnàthasan a thoirt a-steach.
Aig deireadh a’ mhodail, bu chòir dhan oileanach a bhith comasach air
- structairean iom-fhillte a thuigsinn agus a chleachdadh
- smuaintean agus beachdan a chur an cèill gu pongail agus gu grinn ann an còmhradh agus ann an sgrìobhadh mar thoradh air leudachadh faclaireachd agus stoidhle
- gràmar, co-chàradh, litreachadh agus fuaimneachadh na Gàidhlig a chur an gnìomh
- Gàidhlig air a labhairt a thras-sgrìobhadh gu pongail
- teagsaichean Beurla eadar-theangachadh gu Gàidhlig
- teagsaichean a dhearbhadh agus na mearachdan a cheartachadh agus a mhìneachadh
Module Code: UW308473
Credits: 20
Tha am modal seo a’ leantainn bho Teòiridh, Cruthachadh is Cothromachadh 1 agus tha cuideam ga chur air sgilean tras-sgrìobhaidh agus dòighean nas adhartaich a thaobh cothromachadh is cruthachadh a bhuineas gu sònraichte do Ghàidhlig na h-Alba. Thèid iad seo agus tùsan eile a chleachdadh airson pìosan às ùr a chruthachadh.
Ionnsachaidh oileanaich mu diofar tùsan Ceòl na Gàidhlig, clàraichte, ann an clò, is eile agus mar a nithear tras-sgrìobhaidhean.
An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bidh:
- tuigse agad air teòiridh bunaiteach a’ chiùil agus briathrachas Gàidhlig co-cheangailte.
- sgilean agad a thaobh cruthachadh is cothromachadh
- comas agad bathair-bog ciùil a chleachdadh, ceòl a chlàradh airson pìosan ciùil coileanta a chruthachadh.
Module Code: UW308471
Credits: 20
Thèid sùil a thoirt air mar a thàinig ceòl na Gàidhealtachd air adhart, a’ sealltainn ri diofar ghnèithean rin seinn, a’ gabhail a-steach canntaireachd agus na sailmean. Bithear cuideachd a’ toirt sùil air seòrsaichean dannsa agus piobaireachd. Thèid ionnsachadh mu Bhàrdachd agus cleachdaidhean ann an Alba agus Èirinn anns an t-17mh agus an 18mh linn deug, a’ dol air adhart gu ceòl traidiseanta san latha an-diugh.
An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bidh;
- tuigse agad air na prìomh amannan ann an eachdraidh na Gàidhealtachd agus na leasachaidhean ciùil a bha a’ dol aig na h-amannan sin.
- thu air eòlas fhaighinn air a’ briathrachas a tha freagarrach airson a’ mhodail.
Module Code: UW308472
Credits: 40
Bidh oileanaich ag obair ann an còmhlain airson pìosan ciùil (rin seinn agus rin cluich) a chruthachadh. Thèid na pìosan ciùil sin a chluich air beulaibh dhaoine, ann an suidheachadh cuirm ciùil, agus ann an deuchainn. Gheibh gach oileanach teagasg fa-leth anns a’ chuspair spèisealta a tha iad fhèin a’ taghadh.
Thèid mu 91 uairean a chosg ag obair air cuspair spèisealta an oileanaich le mu 24 uairean air teagasg aon ri aon agus 65 uairean air teagasg còmhlain. Gheibhear teagasg air seinn, mar bhuidheann, airson 24 uairean sa bhliadhna.
An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bidh
- Sgilean taisbeanaidh a thaobh a’ chuspair spèisealta aig an oileanach.
- Sgilean còmhlain a thaobh a’ chuspair spèisealta agus sgilean seinn ann an còmhlan.
- Comas òran Gàidhlig ionnsachadh agus a sheinn
Module Code: UQ509824
Credits: 20
Bha Gàidhlig 2 gu ìre mhòr mu dheidhinn structaran cumanta gràmarail na Gàidhlig. Tha Gàidhlig 3 a’ feuchainn ris an eòlas sin a dhaingheachadh, ach tha am modal gu sònraichte a’ feuchainn ri snas, leud agus sùbailteachd a chur ris an eòlas sin.
Leughar is cluinnear eisimpleirean de dheagh Ghàidhlig air iomadh cuspair agus nithear sgrùdadh orra, a’ beachdachadh air cho soirbheachail, mionaideach, grinn no freagarrach ‘s a tha an cànan annta. Tha am modal cuideachd a’ coimhead air sgilean eadar-theangachaidh.
An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir don oileanach a bhith comasach air;
- a bhith comasach air teagsa a cheartachadh a thaobh litreachaidh agus gràmair (‘proof reading’)
- bruidhinn ‘beò’ air cuspairean sònraichte is spèisealta, a’ cleachdadh briathrachas agus stoidhle iomchaidh
- sgrìobhadh foirmealta agadaimigeach, a fhreagras air obair oilthigh, ach a bhios soilleir agus a ghabhas tuigsinn.
- sgrìobhadh air cuspairean sònraichte is spèisealta, ann an stoidhle iomchaidh, foirmealta no neo-fhoirmealta
- Gàidhlig shiùbhlach, nàdarra a chur air earrainnean eadar-theangachaidh.
Module Code: UQ509825
Credits: 20
Module Code: UW309805
Credits: 20
Bidh oileanaich ag obair ann an còmhlain airson pìosan ciùil (rin seinn agus rin cluich) a chruthachadh. Thèid na pìosan ciùil sin a chluich air beulaibh dhaoine, ann an suidheachadh cuirm ciùil, agus ann an deuchainn.
Gheibh gach oileanach teagasg fa-leth anns a’ chuspair spèisealta a tha iad fhèin a’ taghadh.
Thèid mu 91 uairean a chosg ag obair air cuspair spèisealta an oileanaich le mu 24 uairean air teagasg aon ri aon agus 65 uairean air teagasg còmhlain. Gheibhear teagasg air seinn, mar bhuidheann, airson 24 uairean sa bhliadhna.
An dèidh dha crìoch a chur air a’ mhodal, bidh:
- sgilean taisbeanaidh a thaobh a’ chuspair spèisealta aig an oileanach.
- sgilean còmhlain a thaobh a’ chuspair spèisealta agus sgilean seinn ann an còmhlan aig an oileanach.
Module Code: UW309807
Credits: 20
Bheir am modal seo eòlas do dh’oileanaich air siostaman fuaim, mar a phlanas iad gu h-èifeachdach tachartasan leithid cuirmean no tursan thall thairis agus bheir e a-steach cùisean gnìomhachais is laghail co-cheangailte ri dreuchd a’ chiùil. Thathas cuideachd a’ dèiligeadh ri sgilean taisbeanaidh co-cheangailte ri coileanadh agus riochdachadh sgrìobhte/fuaim.
An dèidh dha crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir don oileanach a bhith:
- comasach ann an làimhseachadh siostaman fuaim
- comasach ann am planadh phrògraman agus sgilean taisbeanaidh
- comasach taisbeanadh farsaing air gnothaichean gnìomhachais agus laghail co-cheangailte ri dreuchd a’ chiùil a’ gabhail a-steach cìsean, dealbhadh gnìomhachais agus còraichean seilbh inntleachdail a thuigsinn.
Module Code: UW309806
Credits: 20
Is e modal eòlas guth adhartach a tha seo far an ionnsaichear repertoire nas eadar-mheasgte agus adhartach airson seinn nad aonar.
An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir don oileanach a bhith comasach air:
- adhartas a dhèanamh ann an sgilean gutha oileanaich ann an co-theacsan buidhne agus leotha fhèin (gu h-àraidh a thaobh anail, cuimhneachadh, ruitheam agus cainnt)
- tuigse mhionaideach air diofar ghnèithean òrain Ghàidhlig agus an dàimh eadar òrain agus na h-àiteachan tùsail aca
- dà òran Ghàidhlig leudaichte a sheinn
Module Code: UW310832
Credits: 20
Module Code: UW310830
Credits: 20
Module Code: UQ510844
Credits: 40
Tha am modal seo, aig Ìre 10, a’ togail air na sgilean a chaidh ionnsachadh ann an Sgilean Rannsachaidh (SCQF 9) airson sàr phròiseict a thoirt gu buil le bhith a’ cleachdadh an cuid sgilean rannsachaidh agus an cuid sgilean dealbhachaidh, an dà chuid mar taisbeanadh foirmeil agus tràchdas eadar 10,000 agus 12,000 facal.
Sa mhodail seo, bi thu:
- a’ leasachadh do sgilean rannsachaidh gus pròiseact mòr rannsachaidh a ghabhail os làimhe
- a’ dèanamh an obair rannsachaidh fhèin (leughadh, agallamhan no a’ cruinneachadh fianaise) sa chiad shemeastar, agus bidh thu ga sgrìobhadh suas ann an cruth tràchdais (thesis, pròiseact mòr) air an dàrna semester.
- a’ leasachadh do sgilean pearsanta ann a bhith rianail agus a’ cumail ri clàr-ama.
Module Code:
Credits:
SLIGHEAN ADHARTAIS & COTHROMAN OBRACH
- Taisbeanadh beò agus clàradh
- Ceòl agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
- Roinn cultar na Gàidhlig (na meadhanan nam measg)
- Ionnsachadh aig ìre for-cheum agus rannsachadh
FEUMALACHDAN INNTRIGIDH
- 3 teisteanasan SQA aig Àrd-ìre aig BBC no nas àirde. Bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh Gàidhlig (fileantaich) no Gaelic (luchd-ionnsachaidh) Àrd-ìre aig B no nas àirde nam measg; no
- 2 A Level aig ìre BC no nas àirde
- Dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le Stiùiriche a’ Phrògraim.
Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan. Bidh agallamh agad airson dearbhadh dè an cùrsa bu fhreagarraiche dhut air a’ chiad bhliadhna, a rèir nan comasan labhairt agad. Bidh deuchainn ciùil ri dhèanamh cuideachd. Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Gàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-staigh gu ìre a h-aon de na prògraman ceuma.
OIDEAN A’ CHÙRSA
Decker Forrest
Cairistiona Primrose
Deirdre Greumach
James Lindsey
Pàdruig Moireasdan
Innes Watson
OIDEAN EILE A’ CHÙRSA (bho àm gu àm)
Murdo Cameron
Eilidh NicPhàidein
Angus MacCoinnich
Eilidh NicCoinnich
John Purser
COSGAISEAN A’ CHÙRSA 2024/25
* Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, thèid na cìsean aig oileanaich a tha a’ fuireach ann an Alba a phàigheadh le Buidheann Thabhartasan Oileanach na h-Alba (SAAS) agus dh’fhaodadh gum bi iad airidh air taic cosgais bith-beò.
Fo-cheum, oileanaich làn-ùine
Cìs gach bliadhna airson cùrsa 120 creideas
Gheibh thu cosgaisean airson gach dòigh ionnsachaidh agus gach cùrsa an seo (PDF)