SABHAL MÒR OSTAIG A’ CUR FÀILTE AIR TRIÙIR BHALL ÙRA
Tha e a’ toirt toileachas dha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, an naidheachd fhoillseachadh gun deach triùir bhall ùra a chur an dreuchd air a’ Bhòrd Stiùiridh aca.
Tha farsaingeachd de dh’eòlas aig na buill ùra a thaobh foghlam, leasachaidhean coimhearsnachd, seirbheisean poblach, agus ceannas ro-innleachdail – agus bidh iad a’ cur taic ri obair an ionaid dha bheil e na amas Gàidhlig a thoirt air adhart tro bhith a’ neartachadh cor agus cultar a’ chànain ann an Alba agus air feadh an t-saoghail.
’S iad na buill ùra dhen Bhòrd:
Calum Steele
Rugadh is thogadh Calum Steele ann an Uibhist a Deas far an robh a theaghlach ri croitearachd, agus thòisich e ag obair aig Poileas a Chinn a Tuath nuair a bha e 19 agus rinn e seirbheis do choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean thar iomadh bliadhna. Bha e na Àrd-rùnaire aig Caidreachas Poilis na h-Alba fad 15 bliadhna agus tha dreuchdan stiùiridh eadar-nàiseanta air a bhith aige aig ICPRA agus EuroCOP. Tha colbh seachdaineach aig Calum sa Herald.

Ceanag NicDhòmhnaill – foghlam Gàidhlig, leasachaidhean coimhearsnachd, adhartachadh na Gàidhlig gu h-eadar-nàiseanta.
Rugadh is thogadh Ceanag ann am Pabail Uarach, Leòdhas ann an coimhearsnachd Ghàidhlig. Às dèidh dhi an sgoil fhàgail ann an Leòdhas, chaidh i gu Colaiste Foghlaim Chnoc Iòrdain far an tug i foghlam a-mach ann an Teagasg Bun-sgoile, Feumalachdan Taice a Bharrachd, agus Foghlam nan Tràth-bhliadhnaichean. Bha i na tidsear ann an Leòdhas agus Glaschu mus deach i a dh’Alba Nuadh ann an 1979, far an robh i gu mòr an sàs ann an adhartachadh na Gàidhlig. Thill i a dh’Alba ann an 1989, agus thàinig i a dh’fhuireach san Eilean Sgitheanach far an robh i ag obair aig Comhairle na Gàidhealtachd ann an diofar dhreuchdan foghlaim thar nam bliadhnaichean gus an do leig i dhith a dreuchd ann an 2022.

Dànaidh MacRath
Buinidh Dànaidh MacRath dha na Hearadh, agus chaidh e dhan sgoil an sin an toiseach mus deach e gu Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Chuir e seachad còrr is dà fhichead bliadhna ann an gnìomhachas nam bancaichean, agus airson a’ mhòr-chuid dhen ùine sin bha e ag obair an lùib bhancaichean coimeirsealta, agus tha e na bhall de dh’Institiud nam Bancairean Ùghdarraichte. Bha Gàidhlig aig Dànaidh bho thùs, agus tha e air diofar dhreuchdan stiùiridh a choileanadh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig, leithid Stiùiriche agus Iar Cheann-suidhe aig a’ Chomunn Ghàidhealach, agus Urrasair agus Ionmhasair aig Urras Brosnachaidh na Gàidhlig.
Le farsaingeachd an eòlais aca, cuidichidh na buill ùra seo am Bòrd le bhith a’ toirt stiùir do leasachaidhean ro-innleachdail Sabhal Mòr Ostaig, agus le bhith a’ cruthachadh chom-pàirteachasan agus a’ neartachadh obair an ionaid a tha mar phrìomh ionad airson ionnsachadh, rannsachadh agus cultar na Gàidhlig.
Chuir Aonghas MacAonghais, Cathraiche a’ Bhùird, fàilte air na buill ùra:
“Tha sinn fìor thoilichte gu bheil na daoine fìor thàlantach is fiosrach seo air tighinn air a’ Bhòrd againn aig àm glè chudromach ann an sgeulachd Sabhal Mòr Ostaig. Tha eòlas luachmhor aig an triùir aca a bhios na thaic dhuinn aig Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig fhad ’s a tha sinn a’ cumail oirnn le bhith a’ tairgsinn chothroman ionnsachaidh, rannsachaidh agus cultarach sàr mhath ann an àrainneachd Ghàidhlig an ionaid airson daoine san latha an-diugh agus airson nan ginealach ri thighinn.”
Thuirt Gillian Rothach, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha dleastanasan glè chudromach aig a’ Bhòrd againn nuair a thig e gu co-dhùnaidhean mu phlanaichean ro-innleachdail Sabhal Mòr Ostaig. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris na Buill ùra gus togail air ar sàr obair acadaimigeach, gus cur ri ar ceannas aig ìre nàiseanta agus gus ar n-oileanaich, luchd-obrach agus luchd-compàirt a chuideachadh is a bhrosnachadh gu bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig neartmhor is làn spionnaidh san àm ri teachd.”
Tha Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta a’ trusadh bhall ùra. Ma tha ùidh agaibh anns an dreuchd, gheibh sibh am fiosrachadh an seo.

