Riaghaltas na h-Alba air aontachadh, gu h-aon ghuthach, ri Bile nan Cànan Albannach
Tha Riaghaltas na h-Alba air aontachadh, gu h-aon ghuthach, ri Bile nan Cànan Albannach, a bheir inbhe oifigeil don Ghàidhlig agus Albais ann an Alba. Chaidh am Bile a thoirt a-steach an toiseach air 29 Samhain 2023, agus chaidh a dheasbad (aig Ìre 3) sa phàrlamaid feasgar Dimàirt. Tha am Bile seo a’ comharrachadh ceum sàr-mhath ann an leasachadh na Gàidhlig agus Albais.
Tha am Bile a’ dèanamh atharraichean air an taic a th’ ann airson Gàidhlig agus Albais ann an Alba, nam measg atharrachaidhean air foghlam Gàidhlig agus Albais, agus tha am Bile a’ cur uallach air Ministearan Ro-innleachd Nàiseanta airson na Gàidhlig a chur air dòigh. Chithear barrachd fiosrachaidh an seo.
San deasbad aig Ìre 3, thog Willie Rennie BPA air cho cudromach ’s a tha Sabhal Mòr Ostaig ann a bhith a’ cur taic ri, agus a’ brosnachadh, cànan, cultar, agus eaconamaidh na Gàidhlig, agus bhruidhinn e air a’ bhrìgh agus an ruigse a th’ aig an t-Sabhal aig ìre eadar-nàiseanta.
Mar phàirt den Bhile, chaidh gabhail le moladh bho Willie Rennie gun gabh Ministearean na h-Alba ceum iomchaidh sam bith gus taic a chumail ri leasachadh Sabhal Mòr Ostaig mar Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Chaidh aontachadh gun tèid sgrùdadh a dhèanamh, air suidheachadh agus leasachadh Sabhal Mòr Ostaig, leis an Riaghaltas air a’ bhliadhna seo tighinn. Chuir an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, a làn-taice ri seo.
Dè tha sgrùdadh air Sabhal Mòr Ostaig a’ ciallachadh?
Bidh an sgrùdadh air suidheachadh is leasachadh Sabhal Mòr Ostaig a’ coimhead air na leanas:
- Sgrùdadh air a’ mhaoineachadh againn
- Sgrùdadh air mar a ghabhas togail air an inbhe againn mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig
- Sgrùdadh air co-dhiù am bu chòir do Shabhal Mòr Ostaig inbhe fhaighinn mar ionad beag spèisealta/foghlaim àrd-ìre fa leth
Cha deach ceann-latha a stèidheachadh fhathast airson an sgrùdaidh , ach tha na Ministearan airson gluasad air adhart cho luath ’s a ghabhas. Tha na Ministearan cuideachd a’ gealltainn taic a chur ri toradh an sgrùdaidh agus ceumannan a ghabhail gus inbhe an t-Sabhail Mhòir a mheudachadh, mas iomchaidh.
Tha toirt a-steach Bile nan Cànan Albannach a’ comharrachadh àm sàr-mhath airson na Gàidhlig, agus tha am moladh a chaidh a dhèanamh air Sabhal Mòr Ostaig anns a’ Bhile mar thoradh air an obair ionmholta a tha a h-uile duine a’ dèanamh aig an t-Sabhal.

