Skip to content

An Dr Ulrike Hogg

Slàn a-rithist: Cruinneachadh òrain an Urr. Dòmhnall MacNeacail

Diciadain 02 Giblean 2025 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig

Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne. Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir. 

Tha cruinneachadh an Urr. Dòmhnall MacNeacail (1735-1802), ministear Lios Mòr, air a mheas mar aon de na cruinneachaidhean Gàidhlig as cudromaiche a chaidh a thoirt còmhla a-riamh. Gu ruige o chionn ghoirid, bha pàirt mhòr dheth a dhìth, a’ fàgail beàrnan mòra gu h-àraidh anns a’ chruinneachadh òrain aig MacNeacail. Tha an òraid seo ag amas air a’ chiad sealladh a thoirt air a’ chruinneachadh a chaidh ath-choinneachadh, le sùil nas mionaidiche air na làmh-sgrìobhainnean òran a tha na bhroinn.

Collection of the Rev. Donald MacNicol

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578