An t-Oll. Meg Bateman
‘Cadal ann an dùthchas nan Gàidheal’
Diciadain 26 Màrt 2025 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne. Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir.
“Bha mi air mo bhrosnachadh le pàipear Geraldine Parsons air ‘Cotail bécan bécan béc’ san t-sreath seo de dh’òraidean a bhith a’ ceasnachadh dè tha cadal a’ samhlachadh ann an dùthchas nan Gàidheal. Tha an rannsachadh agam aig ìre thràth fhathast, ach thèid agam air eisimpleirean a thaisbeanadh tro na linntean de chadal mar shlighe do bhruadaran anns an nochd eòlas dìomhair, mar neartachadh ghaisgeach ro shabaid, no mar fhosadh sa bheatha anns an tig atharrachadh agus ath-ùrachadh. Faighnichidh mi a bheil ceangal eadar a leithid agus samhlachas leatromachd ro bhreith, oidhche ron latha, no geamhradh ron t-samhradh.”

