Iain Mac an Tàilleir
Bho Pheairt gu Hiort: cur air bhog leabhair ùir Ghàidhlig le Iain Mac an Tàilleir
Diciadain 25 Gearran 2026 | 13:00
Seòmar Shomhairle, IIN, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an tachartas seo cuideachd beò air-loidhne.
Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad.
Bidh Iain Mac an Tàilleir a’ dèanamh deasbad le Meg Bateman mun leabhar Ghàidhlig aige air ainmean-àite (Clàr 2025). ’S e nàdar de leabhar-làimhe a th’ ann a leigeas leinn a dhol nar n-eòlaichean faiceallach air cuspair a tharraingeas a h-uile duine. Cuiridh an leabhar an cèill cuid de na thèid a dhèanamh le ainmean-àite: mapadh sgaoileadh na Gàidhlig, atharrachadh a’ chànain agus eachdraidh shòisealta am measg eile. Bruidhnidh sinn air ath-mhìneachaidhean annasach eadar Gàidhlig is Beurla agus air na cnapan-starra agus dùbhlain a thig an cois a’ chuspair.

