Skip to content

Seiminear-rannsachaidh: An t-Oll. Karly Kehoe, Oilthigh Naomh Muire, Alba Nuadh

Aon Sluagh, Dà Eilean: Na ceanglaichean eadar eileanan Eige, Alba, agus Ceap Breatainn, Alba Nuadh, 1790-1850

Dihaoine 06 Sultain 2024 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne

Bha buaidh mhòr aig fuadachadh nam mìltean de dhaoine bho Ghàidhealtachd na h-Alba san 18mh agus 19mh linn – an dà chuid air an sgìre fhèin is air na h-àitichean a fhuair iad. Ged a tha an òraid seo a’ cleachdadh eachdraidh cho-roinnte Eige ann an Alba agus Ceap Breatainn ann an Alba Nuadh gus sùil a ghabhail air cuid dhiubh, bidh i cuideachd a’ coimhead air uallach co-roinnte luchd-rannsachaidh a bhith a’ dèiligeadh ri dìleab iom-fhillte tuineachaidh, fuadachaidh agus ath-shuidheachaidh. Cuiridh i cuideam air cuid de na dòighean anns a bheil sgoilearan bho gach taobh a Chuan Siar a’ toirt an cuid eòlais còmhla gus tuigse nas doimhne agus nas cuideachail a thoirt dhuinn air an àm a dh’fhalbh.

Tha An Dr Karly Kehoe na h-Ollamh ann an Eachdraidh aig Oilthigh Naomh Muire ann an Ceap Bhreatainn, Alba Nuadh, Canada.

 

Caitlin Powell

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578