Seirbheis Chomhairleachaidh
Faodaidh oileanaich aig Sabhal Mòr Ostaig trì seirbheisean comhairleachaidh a chleachdadh ann an dìomhaireachd:
- Comhairleachadh aghaidh-ri-aghaidh Shabhal Mòr Ostaig air an làraich
- Seirbheis Chomhairleachaidh Air-loidhne OGE air post-d no Skype (teacsa)
- Seirbheis Chomhairleachadh Air-loidhne Shabhal Mòr Ostaig air Teams no air a fon
‘S e comhairleachadh aghaidh-ri-aghaidh as freagarraiche do dh’oileanaich air an làraich. Mas e oileanach air astar a th’ annad ach a’ fuireach san sgìre, faodaidh tu an t-seirbheis chomhairleachaidh aghaidh-ri-aghaidh a chleachdadh.
Faodaidh luchd-obrach Sabhal Mòr Ostaig an t-seirbheis seo a chleachdadh cuideachd.
Mar chom-pàirtiche foghlaim OGE, faodaidh oileanaich Sabhal Mòr Ostaig Seirbheis Chomhairleachaidh Air-loidhne OGE a chleachdadh. Tha tuilleadh fios ri fhaighinn le bhith a’ bruthadh am putan uaine gu h-ìseal no le bhith a’ dol gu https://www.uhi.ac.uk/en/students/support/online-counselling
Tha Seirbheis Chomhairleachaidh Air-loidhne aig Sabhal Mòr Ostaig ri thabhann dha gach oileanach, ged a tha thu aig astar no air an larach.
Faodaidh luchd-obrach Sabhal Mòr Ostaig an t-seirbheis seo a chleachdadh cuideachd.
Tha comhairleachadh ri thabhann an-dràsta air Teams neo air a fon.
Bhiodh comhairleachadh uaireannan freagarrach anns na suidheachaidhean a leanas:
- ag iarraidh atharrachaidh
- cron: inntinn, corporra, no drabasta – a thachair no a tha a’ tachairt fhathast
- iomagain
- ionndrainn an dèidh bàis
- burraidheachd
- trom-inntinn
- faireachdainnean toinnte a leithid fearg, eud, farmad agus nàire
- càirdeasan
- fèin-luach agus/no misneachd
- taobhachd feise agus gnè
- uallach
- cùisean ceangailte ris an obair rannsachaidh agad, d’ obair no do bheatha.
SEISEANAN: Dh’fhaodadh seiseanan a bhith sùbailte a rèir fheumalachdan fa leth.
CO-IONNANACHD: Tha an t-seirbheis ri fhaighinn do dh’oileanach no neach-obrach sam bith às bith an suidheachadh ciorraim, cinnidh, dath craicinn, gnè, taobhachd feise, aois, creideimh no beachd poilitigeach.
DÈ TH’ ANN AN COMHAIRLEACHADH? Bidh an comhairleachadh a’ tachairt ann an àite a tha dìomhair, sàbhailte, furachail, neo-thaobhach agus càirdeil. Tha comhairleachadh na chuideachadh air seallaidhean ùra is sgilean ùra a leasachadh gus an tèid agad air obrachadh tro dhuilgheadasan, an dà chuid, pearsanta agus/no proifeiseanta.
DÈ NACH EIL ANN AN COMHAIRLEACHADH: Chan ann airson stiùireadh no ìmpidh a chur ort a tha comhairleachadh stèidhichte ged a dh’fhaodar fiosrachadh a thoirt seachad airson do chuideachadh air na co-dhùnaidhean agad fhèin a dhèanamh.
Chan e seirbhis èiginn a tha ‘s an t-seirbhis comhairleachadh agus, ma bha smuaintean fein-mharbhtach agad, mholamaid gun cuireadh tu fios dha na buidhnean a leanas:
Barrachd fios
Sanas Prìobhaideachd – Seirbheis Chomhairleachaidh Shabhal Mòr Ostaig
Seirbheis Chomhairleachaidh Air-loidhne OGE
http://www.uhi.ac.uk/en/students/support
Seisean Meòrachaidh
Èist gu h-ìosal ri seisean meòrachaidh le Dolina Rothach


