Skip to content
Banner Slighe gu Teagasg

Slighe gu Teagasg 2026

Thèid an cùrsa Slighe Gu Teagasg a chumail a-rithist ann an 2026 aig SMO sa Mhàrt. Am bliadhna, tha sinn fosgailte airson a chiad uair do sgoilearan Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an ÀS5/6 air feadh na h-Alba.

Tha an cùrsa ann do sgoilearan aig a bheil ùidh ann an teagasg Gàidhlig agus a tha airson beagan a bharrachd fhaighinn a-mach mu chùrsaichean aig ìre cholaiste agus mu bheatha oileanaich. Chaidh an cùrsa ro-innleachdail seo a chruthachadh le òraidichean foghlam thidsearan Sabhal Mòr Ostaig. Gheibh sgoilearan cothrom beachdachadh air cùrsa teagaisg agus na dh’fheumadh iad air a shon, sgilean cànain is conaltradh a leasachadh agus blasad air beatha oileanaich SMO.

Bidh an cùrsa a’ ruith bhon 9mh – 12mh den Mhàrt 2026 agus gheibhear biadh agus àite-fuirich aig SMO. ‘S e an 26mh den Fhaoilleach an ceann-là again airson iarrtasan. Tha àireamh sònraichte de dh’àiteachan air a’ chùrsa, mar sin lìonaibh a-steach an t-iarrtas gu h-ìosal son d’àite a ghlèidheadh. 

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri cluinntinn bhuaibh. Leigibh fios ma tha ceistean sam bith agaibh. 

Gheibhear ceangal dhan foirm iarrtas an seo Slighe gu Teagasg 2025/26 – Lìon am foirm (Gàidhlig)

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578