Skip to content
Banner Slighe gu Teagasg

Slighe gu Teagasg 2026

Thèid an cùrsa Slighe gu Teagasg a chumail a-rithist aig Sabhal Mòr Ostaig sa Mhàrt 2026. Am-bliadhna, tha sinn fosgailte airson a’ chiad uair do sgoilearan Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an ÀS5/6 bho air feadh na h-Alba.

Tha an cùrsa ann do sgoilearan aig a bheil ùidh ann an teagasg Gàidhlig agus a tha airson beagan a bharrachd fhaighinn a-mach mu chùrsaichean aig ìre cholaiste agus mu bheatha oileanaich. Chaidh an cùrsa ro-innleachdail seo a chruthachadh le òraidichean Foghlam Thidsearan Sabhal Mòr Ostaig. Gheibh sgoilearan cothrom beachdachadh air cùrsa teagaisg agus na dh’fheumadh iad air a shon, sgilean cànain is conaltradh a leasachadh agus blasad air beatha oileanaich Sabhal Mòr Ostaig.

Bidh an cùrsa a’ ruith bho 09–12 Màrt 2026 agus gheibhear biadh agus àite-fuirich aig Sabhal Mòr Ostaig an-asgaidh. ‘S e 09 Gearran 2026 an ceann-latha againn airson iarrtasan. Tha àireamh shònraichte de dh’àiteachan air a’ chùrsa; mar sin lìon a-steach an t-iarrtas gu h-ìosal gus d’ àite a ghlèidheadh. 

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri cluinntinn bhuaibh. Leigibh fios ma tha ceistean sam bith agaibh. 

Gheibhear ceangal dhan foirm iarrtais an seo:

Slighe gu Teagasg 2025/26 – Lìon am foirm (Gàidhlig)

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578