Soraidh Slàn le Hallaig le Maoilios Caimbeul – Tachartas Acair
Tha Acair toilichte innse mu shreath ùr leabhraichean a tha iad a’ foillseachadh air a bheil Feuch Ficsean. Tha an t-sreath ùr seo ag amas air daoine a tharraing gu bhith a’ feuchainn no a’ tilleadh gu leughadh sa Ghàidhlig. Tha na nobhailean goirid seo le diofar ùghdaran agus mu dhiofar chuspairean, le caractaran eadar-dhealaichte. Tha briathrachan ann an gach leabhar agus goireasan air-loidhne leithid leabhraichean èisteachd agus cuideachadh le fuaimneachadh.
Thèid a’ chiad leabhar san t-sreath, Soraidh Slàn le Hallaig le Maoilios Caimbeul, fhoillseachadh san Iuchar aig tachartas cur air bhog a bhios a’ gabhail àite aig Sabhal Mòr Ostaig. Thèid seo a chumail air Diciadain 23 Iuchar aig 7f ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil, ’s cluinnear Maoilios ann an còmhradh mun leabhar ùr aige agus barrachd fiosrachaidh mun t-sreath bho riochdairean Acair.
- Ceann-là: 23 Iuchar 2025
- Cuin: 7f
- Àite: Talla Dhonaidh Chaimbeil, Sabhal Mòr Ostaig
- Cosgais: An-asgaidh
A bharrachd air a sin, bidh òran no dha ri chluinntinn cuideachd agus bidh cothrom ann ceistean fhaighneachd.
Tha Acair taingeil do Chomhairle nan Leabhraichean agus do Bhòrd na Gàidhlig airson an cuid taic agus maoineachadh.

