MEd Foghlam Gàidhlig – Seisean-lìn 2025
An e tidsear a th’ annad agus ùidh agad ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, air neo tidsear Gàidhlig a tha airson na sgilean phroifeiseanta aca a leasachadh?
Bidh seisean fiosrachaidh againn Diciadain 04 Ògmhios 2025, 7f – 8f, far an cluinnear mun chùrsa MEd Foghlam Gàidhlig (fosgailte don dà chuid tidsearan bun-sgoile agus àrd-sgoile).
Cluinneamaid bho Stiùiriche a‘ Phrògraim Anna Thirkell, agus bho thidsearan a tha nan oileanach an-dràsta air a’ chùrsa. Bheir seo beachd dhuibh air dè an obair a tha an lùib an MEd agus dè na buannachdan a tha ri fhaighinn.
’S e deagh chothrom a bhios an seo ceistean sam bith a chur air a‘ phannal agus d’ inntinn a dhèanamh suas mun ath cheum. Bidh fàilte romhaibh uile.