Tuairisgeul pearsanta
Tha Sìleas air a bhith ag obair ann am foghlam bho chionn iomadh bliadhna a-nis, is ùidh mhòr aice ann an teagasg agus cuspairean co-cheangailte airson ùine mhòr.
Às dèidh dhi trèanadh fhaighinn aig Oilthigh Mhainz anns a’ Ghearmailt airson a bhith na tidsear àrd-sgoile, rinn i PhD aig Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Obar Dheathain (air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, bho shealladh shòisio-chànanach, 2010-2013).
Tha i air a bhith ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig bhon uair sin, a’ teagasg Gàidhlig (An Cùrsa Inntrigidh) agus cuspairean eile, agus a’ dèanamh rannsachadh. ‘S e teagasg cànain do luchd-ionnsachaidh am prìomh fhòcas a th’ aice, agus i na stiùiriche air a’ Chùrsa Inntrigidh a-nis.
Teisteanas
- 1ad Staatsexamen (Beurla, Gearmailtis, Oideachas), Johannes Gutenberg-Universität Mainz, A’ Ghearmailt (2006)
- PhD (Obar Dheathain & Sabhal Mòr Ostaig) (2013)
Rannsachadh
Tha Sìleas an sàs an-dràsta ann an rannsachadh air cultar ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) — a’ sealltainn air an t-suidheachadh a th’ ann an-dràsta, a thaobh ionnsachaidh chultarail, carson a tha ionnsachadh den t-seòrsa sin cudromach ann am bogadh cànain, agus dè ghabhas dèanamh gus a leasachadh.
Rinn i a PhD air a’ cheangal eadar cànain agus cultar ann am FMG, le fòcas sònraichte air beachdan nan sgoilearan fhèin, air an cuid misneachd, seasamhan agus comasan cànain.
Foillsichidhean [ORCID]
https://orcid.org/0000-0003-2929-7154Teagasg
An Cùrsa Inntrigidh (Earrannan 1-3)
UQ508492: Cànan, Cultar agus Cinnidheachd (Òraidiche)
Fios a bharrachd
https://pure.uhi.ac.uk/en/persons/sìleas-nicleòid/publications/