Skip to content
Picture of staff member

Alex Miller




Tuairisgeul pearsanta

Às dèidh beatha ann an gnìomhachas an togail, leig Ailig dheth a dhreuchd agus ghluais e a Shlèite far a bheil e a-nis a’ fuireach air croit a mhnatha, ann an dachaigh a chaidh a dhealbhadh agus a thogail leotha fhèin. Bidh e a’ cumail sheilleanan, a’ dèanamh agus a’ reic crèadhadaireachd agus ag obair mar neach-iùil turas anns an taigh-staile ionadail latha no dhà san t-seachdain, a bharrachd air a bhith a’ seinn le Còisir Ghàidhlig an t-Srath. Dh’ionnsaich Ailig Gàidhlig tro chlasaichean oidhche, agus an uair sin an Cùrsa Inntrigidh agus an Cùrsa Comais aig an t-Sabhal Mhòr.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578