

Christine Primrose
Òraidiche01471 888 202
Tuairisgeul pearsanta
Rugadh agus thogadh Christine Primrose ann an Càrlabhagh far an robh a’ Ghàidhlig mar chànan làitheil, ann an Eilean Leòdhais agus tha i air a bhith a’ seinn bho ‘s cuimhne leatha. Tha an t-seinn aice air a toirt air feadh an t-saoghail, gu h-àraid ann an Ameireaga, Canada, Astràilia, Èirinn agus pàirtean dhan an Roinn Eòrpa. Tha i a’ teagasg òrain Ghàidhlig air a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaiste Ghàidhlig a’s an t-Eilean Sgitheanach agus cuideachd air na cùrsaichean goirid aig a’ Cholaiste. Thog i iomadach duais airson a cuid seinn thairis air na bliadhnaichean, na measg Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig na ‘Trad Awards’ agus bidh i tric na britheamh aig Mòdan Ionadail agus na Mòdan Nàiseanta.