
Gabhan Mac a’ Phearsain
Òraidiche01471 888 241
Tuairisgeul pearsanta
Tha Gabhan a’ teagasg air a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh agus air a’ chùrsa MSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd. ‘S e na cuspairean co-cheangailte ri leasachadh dùthchail, leasachadh seasmhach, eachdraidh shòisealta agus imrich as motha tha e an sàs ann.
Tha e a’ dèanamh rannsachadh gu sònraichte air ceanglaichean agus coimeas eadar Gàidhealtachd na h-Alba agus Nirribhidh. O chionn ghoirid air bliadhna shàbaideach rinn e sgrùdadh air a’ bhirlinn Ghàidhealaich bho òrain agus bàrdachd, ga coimeas ri bàtaichean tradaiseanta Nirribheach. Tha e cuideachd air tràchdas MPhil a sgrìobhadh air dè chumas croitearan ri croitearachd, an coimeas ri tuathanaich bheaga ann an Nirribhidh.
Tha e an sàs anns na cuspairean seo gu practaigeach, mar chroitear, mar chlèireach baile agus mar bhall den bhòrd-stiùiridh air pròiseact ‘Am Bàta’ a tha cruinneachadh cultar na mara agus a’ toirt sgilean togail-bhàtaichean do dh’òigridh.
Rannsachadh
Cleachdadh fearainn, leasachadh dùthchail, A’ Bhirlinn agus tradaisean bhàtaichean ann an Alba agus Nirribhidh