Skip to content
Picture of staff member

An Dr Iain Mac a’ Phearsain

Àrd-Òraidiche


Cunntas Rannsachaidh PURE

Rannsachadh

Tha an t-eòlas rannsachaidh agam stèidhte air corpas bàrdachd nan eilthireach am measg nan Gàidheal thall thairis: seallaidhean de dh’fhuadachadh is de dh’imrich is de na dàin a chuireadh seo an cèill. Chaidh cuid mhòr den obair bhreithneachaidh litreachais seo a thoirt gu buil fo sgèith pròiseict air an robh an Ceum Dotaireil tro Obair Fhoillsichte agam aig Oilthigh Uladh stèidhte, ‘Displaced Poets: Migrant Writing from the Margins of Movement and Memory in a Diasporic and Transgressive Scottish Gaelic Context’. Tha mo chuid eòlais rannsachaidh a’ toirt a-steach Rosg Gàidhlig an latha an-diugh agus an dòigh-obrach an lùib eadar-theangachadh litreachais cuideachd.

Teagasg

Tha còrr agus fichead bliadhna de dh’eòlas teagaisg agam ann an Alba is Èirinn a Tuath is mi nam Bhall de dh’Acadamaidh Foghlam Àrd-ìre na RA. Bha mi nam Òraidiche fad 9 bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig OGE eadar 1997 is 2006 mar stiùiriche cùrsa air diofar mhodalan ceuma air an sgeama BA le Urram Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte agus mar Stiùiriche Prògraim air a’ Chùrsa Chomais.

Bha mi nam Bhall Acadaimigeach de RCUK agus nam Òraidiche làn-ùine ann an Scoil na dTeangacha, na Litríochtaí agus na gCultúr, aig Oilthigh Uladh, no Scoil na Gaeilge, ris an abairte an dèidh sin. Aig an àm sin, bha mi a’ teagasg is a’ co-òrdanachadh caochladh mhodalan ann an Gàidhlig na h-Alba is na h-Èireann, litreachas, sgilean rannsachaidh, dealbhadh cànain, na meadhanan agus cultar is dualchas. Bha mi a’ teagasg measgachadh de mhodalan Gàidhlig ann an litreachas is leasachadh dùthchail aig Sabhal Mòr Ostaig OGE eadar 2017 is an latha an-diugh, cho math ri modal iar-cheuma, air an dìleab Ghàidhealaich, agus o chionn ghoirid mar Stiùiriche Cùrsa air a’ chùrsa PDA Eadar-theangachadh Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578