Innes Watson
Tuairisgeul pearsanta
Buinidh Innes Watson do Ghlaschu, ach thogadh e sna Crìochan agus tha e a-nis a’ fuireach ann an Loch Aillse. Bidh e a’ cluich grunn ionnsramaidean-ciùil agus a thuilleadh air duaisean, tha e air eòlas mòr a chosnadh fad còrr is aon bhliadhn’ air fhichead air ceòl traidiseanta na h-Alba agus e ga chluich, ga chlàradh, ga theagasg agus ga riochdachadh. Bha e air a bhogadh ann an saoghal a’ chiùil na òige agus mar thoradh air sin tha taghadh farsaing de sgilean is comasan aige agus tha ùidh aige ann an iomadh raon is seòrsa ciùil agus ’s iomadh seòrsa duaise is aithne a choisinn e tro a chuid ciùil. Tha sin uile a’ fàgail Innes mar aon dhen luchd-chiùil as cliùitiche a th’ ann an Alba san latha an-diugh agus e a’ faighinn iomadh cothrom-obrach ri linn sin.
Tha e air a bhith na neach-teagaisg aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba (às dèidh dha ceumnachadh bho sin le BA ann an Ceòl na h-Alba ann an 2006) agus bidh e a’ dèanamh tòrr obrach còmhla ri buidhnean ionnsachaidh airson òigridh agus inbhich air feadh na RA, na h-Èireann agus ann an dùthchannan eile. Tha e air nochdadh air faisg air 50 clàr-ciùil a chaidh fhoillseachadh sna 15 bliadhna a dh’fhalbh agus tha e air obrachadh le cuid dhen luchd-chiùil as iomraitiche san dùthaich. Bhuannaich e “Neach-cluiche Ionnsramaide na Bliadhna” ann an 2011, agus e 22 bhliadhna a dh’aois, aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba aig MG ALBA, agus tha e air dearbhadh bhon uair sin cho airidh ’s a bha e air an duais sin.
Bidh Innes cuideachd a’ teagasg aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc, agus bidh e a’ cluich còmhla ris an t-sàr chòmhlan Albannach, na Peatbog Faeries, bidh e a’ dol air cuairtean ciùil còmhla ri Donnchadh Siosalach, bidh e fhèin is Rory Matheson a’ dol air cuairtean mar an còmhlan InnoDuo, agus bidh e a’ sgrìobhadh ceòl nan teud airson Will McNicol agus an còmhlan aige fhèin, “InnoTet”.