Skip to content
Picture of staff member

James Lindsey




Tuairisgeul pearsanta

Bidh James Lindsay a’ sgrìobhadh ceòl agus a’ cluich beus agus grunn ionnsramaidean eile agus tha a’ chuid ciùil a’ sìneadh tarsainn iomadh seòrsa ciùil agus e mar cho-aonadh ealanta de cheòl traidiseanta na h-Alba agus ceòl an latha an-diugh. A bharrachd air a bhith a’ cluich làn-thìde leis a’ chòmhlan ainmeil is shoirbheachail, Breabach, bidh e cuideachd ag obair còmhla ri cuid den luchd-chiùil Albannach is Ghàidhlig as fheàrr a th’ ann agus rinneadh moladh mòr air mar neach-ciùil às dèidh dha a’ chiad chlàr a thoirt a-mach leis fhèin, ‘Strand’, agus às dèidh a’ chlàir as ùire aige, ‘Torus’.

Bidh James a’ teagasg riochdachadh ciùil agus innleadaireachd beò is stiùidio air a’ chùrsa, BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, aig Sabhal Mòr Ostaig.

Thogadh e ann an sgìre dhùthchail ann an Siorrachd Obar Dheathain agus ghluais e a Ghlaschu ann an 2007 far an do choisinn e ceum BA le Urram aig a’ chiad ìre ann an Ceòl aig Oilthigh Shrath Chluaidh. Tha e a-nis a’ fuireach ann an Loch Aillse.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578