Skip to content
Picture of staff member

Ceanag NicDhòmhnaill




Tuairisgeul pearsanta

Rugadh agus thogadh Ceanag ann am Pabail Iarach ann an Leòdhas, far an robh Gàidhlig làidir sa choimhearsnachd. Fhuair i a cuid foghlaim anns an sgìre agus an uair sin aig Colaiste Foghlaim Chnoc Iòrdain, far an do cheumnaich i ann am Foghlam Bun-sgoile, Feumalachdan Taic a Bharrachd agus Foghlam Tràth Ìrean. Bha i a’ teagasg an dà chuid ann an Leòdhas agus Glaschu mus deach i a dh’Alba Nuadh ann an 1979, far an robh i an sàs gu mòr ann an leasachadh na Gàidhlig. Ann an 1989 thill i dhan Eilean Sgitheanach agus bha i ag obair le Comhairle na Gàidhealtachd ann am Foghlam Gàidhlig gu ruige 2022 nuair a leig i dhi a dreuchd.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578