Skip to content
Picture of staff member

Lynsey NicFhionnlaigh

Òraidiche ann am Foghlam Thidsearan


Tuairisgeul pearsanta

Tha Lynsey na h-òraidiche anns an sgioba Fhoghlam Thidsearan. Thàinig Lynsey dhan t-Sabhal airson a’ chiad uair ann an 1999 mar oileanach air a’ chùrsa HNC Rianachd Gnìomhachais. Lean i oirre le ceum ann an Gàidhlig is Iomall a’ Chuain Siar, agus ’s i aonan de na chiad oileanaich a cheumnaich le urram ann an 2003. Choilean i PGCE ann an teagasg Bun-sgoile bho Oilthigh Obar Dheathainn. Bhon uair sin, tha i air a bhith ag obair ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig leis an ùine bu mhotha a’ teagaisg ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh.

Tha Lynsey cuideachd air a bhith an sàs ann an iomairtean agus pròiseactan eile ceangailte ri foghlam – leithid Cearcall Leasachaidh a’ Churraicealaim aig Foghlam Alba airson Litearras agus Gàidhlig agus o chionn ghoirid an Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg mar tidsear fo-fhastaidh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578