Pàdruig Moireasdan
Tuairisgeul pearsanta
Tha Pàdruig Moireasdan na oide airson a’ bhogsa, agus a tha cuideachd air cùrsaichean teòraidh agus sgrìobhadh ciùil a theagasg.
‘S ann à Griomasaigh ann an Uibhist a tha Pàdruig agus e air ais a’ fuireach ann an Griomasaigh as dèidh bliadhnaichean air falbh. Rinn Pàdruig ceum ann an ceòl agus eitneòlas na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann, mas deach e a dh’Èirinn a dhèanamh ceum maighstireachd agus dotaireachd ann an sgrìobhadh ciùil le Oilthigh Mhàigh Nuadh, a’ rannsachadh mar a tha is mar a thèid ceòl tradaiseanta agus nua-cheòl chlasaigeach a chuir am measg a chèile.
Tha Pàdruig tric ri fhaicinn aig fèisean-ciùil a’ cluich na chòmhlan Beinn Lee, ach bidh e a’ stiùireadh pròiseactan air a cheann fhèin cuideachd. B’e Pàdruig aon de na luchd-ciùil a bh’anns a’ chuairt-deireannach de farpais ceòladair òg tradaiseanta na bliadhna ann an 2020. Tha e cuideachd a’ cuir taic ri Ceòlas Uibhist le bhith na bhall air a’ bhòrd stiùiridh aca.