Skip to content
Picture of staff member

Raonaid Alcorn

Stiùiriche Cùrsa, An Cùrsa Drochaid


Tuairisgeul pearsanta

’S i Raonaid Ceannard a’ Chùrsa airson a’ Chùrsa Drochaid, Ceannard a’ Mhodail airson Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh agus tidsear air a’ Chùrsa Inntrigidh. Bha i na h-oileanach Gàidhlig aig a’ Cholaiste ann an 2005-2006 agus tha i air a bhith a’ teagasg Gàidhlig bho 2010. Tha eòlas aice air Beurla a theagasg do luchd-labhairt chànanan eile, agus chuir i seachad 3 bliadhna a’ teagasg Beurla ann an oilthigh ann an Istanbul, an Tuirc. Chaidh i a-steach don sgioba teagaisg làn-ùine san Lùnastal 2021 agus bha i an sàs ann a bhith a’ sgrìobhadh stuthan airson SpeakGaelic.

Teisteanas

BA (le Urram) Sgrùdaidhean Conaltraidh, Oilthigh Queen Margaret, Dùn Èideann

PGCE: Teisteanas Teagaisg airson Foghlam Leantainneach, Oilthigh Shruighlea

Dip TESOL, Colaiste Trinity, Lunnainn

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578