Skip to content
Picture of staff member

Seonaidh MacKillop




Tuairisgeul pearsanta

Le pàrantan bhon Rubha ann an Leòdhas, is Beàrnaraigh na Hearadh, thogadh Seonaidh air a’ Chomraich is ann an Càrlabhadh mus do ghluais an teaghlach gu Steòrnabhagh nuair a bha e 15 bliadhna a dh’aois. Bha Seonaidh na oileanach aig an t-Sabhal agus tha ceumannan aige cuideachd ann an eaconamachd is MBA. As dèidh greis ag obair aig an ola, agus ann an reic agus margaidheachd ann an Lunnainn, thòisich Seonaidh a’ teagasg aig an t-Sabhal agus an uair sin ann an Colaiste a’ Chaisteil. Bhon uair sin tha air a bhith ag obair ann an Canada, an Eilbheis, agus an Òlaind. Leig e dheth a dhreuchd ann an 2022 agus thill e Steòrnabhagh an uair sin.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578