
Sìneag NicDhonnchaidh
Oide Cànain01471888221
Tuairisgeul pearsanta
Tha Sìneag NicDhonnchaidh a’ teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig air a’ Chùrsa Chomais agus air a’ Chùrsa Inntrigidh.
Choisinn Sìneag BSc (le Urram) ann am Bith-cheimigeachd bho Oilthigh Chill Rìmhinn, mus tàinig i a Shabhal Mòr Ostaig gu bhith na h-oileanach air a’ Chùrsa Chomais – cùrsa air a bheil i a-nis a’ teagasg. Lean i oirre air a’ chùrsa Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta, far an d’ fhuair i oideachadh ann an òrain Ghàidhlig bho Christine Primrose.
Thòisich i air obair làn-ùine aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2022 agus tha i air a bhith an sàs ann an diofar roinnean den Cholaiste on uair sin: a’ cur air dòigh chlasaichean is tachartasan dhan choimhearsnachd; a’ deasachadh is a’ teagasg chùrsaichean sònraichte do bhuidhnean bho thaobh a-muigh; a’ teagasg air a’ Chùrsa Dhrochaid is air Cùrsaichean Goirid; agus ag obair ann an Seirbhisean nan Oileanach ann an dlùth chom-pàirteachas leis na h-oileanaich fhèin.
Cluinnidh tu Sìneag a’ seinn fhathast agus tha ùidh mhòr aice ann a bhith a’ cleachdadh òrain, is na sgeulachdan air an cùlaibh, anns an teagasg aice mar mhodh ionnsachaidh gus puingean cànain, fuaimneachadh is briathrachas a thogail is a dhaingneachadh.
Teisteanas
- BSc (le Urram) Bith-cheimigeachd
- DipHE Gàidhlig

