Suirbhidh Nàiseanta Thidsearan aig an Ionad Shàr-mhathais ann an Teagasg
Chaidh cùmhnant Riaghaltas na h-Alba airson Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg a thoirt do Sgoil an Fhoghlaim aig Oilthigh Ghlaschu. Is e prìomh amas an Ionaid ‘taic a thoirt do luchd-teagaisg, a’ gabhail a-steach luchd-teagaisg ann am foghlam Gàidhlig, gus obair rannsachaidh a dhèanamh, fianais a chruinneachadh agus gus feum a dhèanamh de leithid nan obair leis an amas piseach a thoirt air teagasg’.
Bheir an t-Ionad seirbheis do gach tidsear ann an Alba, a’ cumail taic ribh ann a bhith a’ faighinn gu rannsachadh, a bhith ga chruthachadh agus a bhith a’ dèanamh feum dheth gus piseach a bharrachd a thoirt air teagasg agus ionnsachadh.
Mar sheirbheis nàiseanta do thidsearan, tha e deatamach gu bheil na prìomhachasan cuspaireil agus modhan-obrach a’ freagairt air iarrtasan agus feumalachdan thidsearan ann an sgoiltean ann an Alba. Mar sin, tha sinn a’ toirt cuireadh dhuibh ur beachdan a thoirt seachad tro bhith an sàs ann an Suirbhidh Nàiseanta Thidsearan aig an Ionad Shàr-mhathais ann an Teagasg a gheibh sibh an seo. Tha an t-suirbhidh beò agus fuirichidh i fosgailte gu meadhan-oidhche air Diciadain 11 An t-Ògmhios.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun t-suirbhidh, agus fiosrachadh beusalachd na mheasg, aig toiseach na suirbhidh, mus tòisich na ceistean fhèin. Chan eil ìmpidh sam bith oirbh freagairt a chur a-steach agus tha sibh làn di-bheathte a bhith a’ fàgail na suirbhidh aig àm sam bith mus bruth sibh am putan airson fiosrachadh a chur thugainn. Chaidh an rannsachadh a dhearbhadh le Comataidh Beusalachd Rannsachaidh Colaiste nan Saidheansan Sòisealta aig Oilthigh Ghlaschu.
Bhiomaid fada nar comain nam beachdaicheadh sibh air pàirt a ghabhail san t-suirbhidh agus nam biodh sibh deònach an cuireadh a thoirt seachad do thidsearan eile mura h-eil iad air seo fhaighinn tro shlighean eile. Mar as motha a gheibh sinn de fhreagairtean, is ann as fheàrr a thèid againn a bhith cinnteach gum bi an t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg a’ frithealadh thidsearan gu h-èifeachdach air feadh na dùthcha.
Tha e na urram dhuinne aig Sabhal Mòr Ostaig a bhith ag obair air a’ phròiseact ùr nàiseanta a tha seo a tha ag amas air cothroman brìoghmhor ann an ionnsachadh proifeiseanta a chruthachadh do thidsearan gu didseatach agus aghaidh-ri-aghaidh.
Feuch gun cuir thu fios thugainn air post-d ma bhios ceistean sam bith agad. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ribh mar a leasaicheas obair an Ionaid.

