Ainmean-àite na h-Alba Ìre 1 – Air-loidhne: 21 Dàmhair 2025
Thèid an clas seo a theagasg bho 18:30 gu 20:00 gach feasgar Dimàirt (ochd seachdainean).
Thèid an cùrsa seo a theagasg sa Bheurla; chan eil feum air eòlas air Gàidhlig no cànanachas. Tha e a’ tabhann cothrom ionnsachadh mun dàimh eadar cànan agus àite, cultar agus cruth-tìre ann an co-theacsa Albannach. Còrdaidh an cùrsa seo ri neach sam bith aig a bheil ùidh ann an cruth-tìre, cànan agus cultar na h-Alba.
Am measg na cuspairean a thèid a theagasg:
- Na diofar chànanan ann an Alba agus am buaidh a th’ aca air ainmean-àite: Lochlannais, Cruithnis/Breatannach, Beurla/Albais, agus Gàidhlig.
- Mar a bhios ainmean-àite ag obair bho thaobh chànanachais agus mar a tha iad air an cruthachadh, agus mar a bhios iad ag atharrachadh thar ùine.
- Eileamaidean Gàidhlig a bhios a’ mìneachadh chnoc, bheanntan, aibhnichean, agus thuineachaidhean agus mar a thathar an cur an gnìomh air a’ chruth-tìre agus mar a nochdas iad air mapaichean.
- Dreuchd ainmean-àite taobh a-staigh cultar beòil na Gàidhlig, a thaobh beul-aithris, sgeulachdan agus gnàthasan-cainnt.
- Mar a nì thu rannsachadh air ainmean-àite thu fhèin, a’ gabhail a-steach obair-làraich, rannsachadh tasglainn agus mion-sgrùdadh cànain.
- Bun-eòlas air fuaimneachadh na Gàidhlig.
Bidh ochd seiseanan air-loidhne gach seachdain mar thaisbeanaidhean neo-fhoirmeil sa chùrsa agus an uair sin cothroman airson deasbaid.