An Cùrsa Adhartais
Ceum: Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Pàirt-ùine
Dè cho fada: 2 Bhliadhna
Còd: UQ501
Neach-stiùiridh:
Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)
Mun a' Chùrsa
Tha an Cùrsa Adhartais stèidhichte aig ìre an luchd-ionnsachaidh a tha ag amas air fileantachd a ruigsinn. Tha e na chùrsa aig astar fad dà bhliadhna mar as trice a tha gu ìre mhòr co-ionann ris a' Chùrsa Chomais aig an t-Sabhal Mhòr. 'S e leasachadh sgilean cànain, an dà chuid labhairt is sgrìobhadh, prìomh amas a' chùrsa, ach gheibhear cuspair eile anns an dàrna bliadhna. Faodaidh oileanaich a thighinn do na Sgoiltean Deireadh-Seachdain roghainneil airson cothrom fhaighinn coinneachadh ris na h-oileanaich eile air a' chùrsa agus Gàidhlig a bhruidhinn.
Tha an cùrsa aig Ìre 1 den phrògram ceuma Gàidhlig is Cuspairean Co-Cheangailte aig OGE, agus an dèidh an cùrsa a dhèanamh gu soirbheachail, gheibh na h-oileanaich Teisteanas Foghlaim Àrd Ìre bho OGE.
Nì an t-oileanach fèin-ionnsachadh mar as àbhaist a' cleachdadh leabhraichean-obrach is faidhleachan-èisteachd mar ullachadh airson a' chlas-fòn uair no dà uair gach seachdain. Tha na clasaichean seo riatanach don chùrsa agus iad a' solar cothrom bruidhinn ri oileanaich eile is an neach-oide. Bidh oileanaich a' cur seachad 15-20 uair a thìde san t-seachdain air gnothaichean a' chùrsa. Ach thoir an aire nach eil an sin ach moladh- tha a h-uile duine eadar-dhealaichte.
Leabhar-laimhe nan Oileanaich & Tuairsgeulan na Modalan
Sùsbaint a' Chùrsa
Na Modailean
Tha seachd modailean anns a' Chùrsa Adhartais: sia modailean cànain agus modal cuspair. Tha na modailean uile gan teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. 'S e 'Saoghal na Gàidhlig 1' ainm a' mhodail chuspaireil. Tha am modail seo na thoiseach-tòiseachaidh air eachdraidh agus mu shoiseòlas nan sgìrean Gàidhealach. Chithear susbaint nam modailean anns na tuairisgeulan gu h-àrd.
Measaidhean
Gheibhear na measaidhean aig deireadh gach modail cànain agus tro a' mhodail chuspaireil. Bidh measaidhean sgrìobhte is labhairt anns na modailean cànain, agus ceistean goirid, taisbeanaidhean agus aistean anns na modailean cuspaireil. Faic na tuairisgeulan gu h-àrd airson fios mu na measaidhean.
Inntrigeadh
Mar as trice bidh oileanaich air crìoch a chur air a' Chùrsa Inntrigidh gu soirbheachail. Air neo, gheibh oileanaich àite air a' chùrsa ma bhios Teisteanas Àrd-Ìre no teisteanas co-ionann aca agus an dèidh measadh sgrìobhte agus agallamh a dhèanamh airson faighinn a-mach a bheil comas an oileanaich aig an ìre a tha dhìth airson a' chùrsa.
Feumaidh cothrom coimpiutair is clò-bhualadair, fòn, cluais-fhòn/micro-fòn a chleachdadh agus ceangal eadar-lìon a bhith aig oileanaich. Airson a chuid as fhèarr fhaighinn às a' Chùrsa Adhartais tha sinn a' moladh gu bheil an dreach as ùire de na prògraman aca agus gu bheil an coimpiutair fhèin a' ruigsinn nan ìrean iomchaidh.
Faic riatanais choimpiutair san PDF gu h-ìosal.
Riatanasan_Coimpiutaireachd.pdf
Cìsean is Maoineachadh
Cosgaisean 2012-13
| Oileanaich Alba | |
| An Cùrsa Adhartais: 7 modalan | £161/£215 gach modal |
| Oileanaich AE | |
| An Cùrsa Adhartais: 7 modalan | £161/£215 gach modal |
| Oileanaich RA agus Eadar-nàiseanta | |
| An Cùrsa Adhartais: 7 modalan | £330/£400 gach modal |
Thor an aire gu bheil luach 15 creideis air 4 modalan agus luach 20 creideis air 3 dhiubh. Tha na modalan luach 20 creideis aig a' phrìs nas àirde.
Faodar faidhleachan èisteachd a lùghdachadh a-nuas mar phàirt den chùrsa no 's urrainnear CDan a cheannach aig £10 gach mhodal. 'S e an t-oileanach a phàigheas na cosgaisean airson fòn a chur don t-Sabhal Mhòr a h-uile seachdain airson a' chlas-fòn.
Taic mhaoineachaidh
Gheibh cuid a dh'oileanaich an Alba taic airgid tro sgeama 'part-time fee grant' (PFG) aig SAAS (Students Award Agency for Scotland) le luach £500 do dh'oileanaich a tha clàraichte air modalan aig a bheil 40 puing creideis no barrachd sa bhliadhna.. Tha barrachd fios aig https://www.saas.gov.uk/student_support/index.htm Airson oileanaich nach eil an dùil 40 puingean creideis a dhèanamh ann am bliadhna, tha taic ri fhaighinn an lùib sgeama Cunntas Ionnsachaidh Pearsanta (ILA) aig Riaghaltas na h-Alba agus an sgeama £200 aca. Bu chòir do dh'oileanaich fios a chur gu ILA Alba aig 0800 100 1090 no http://www.ilascotland.org.uk airson an tuilleadh fiosrachaidh agus airson faighinn a-mach am faighear taic.
Dh'fheumadh iarrtas airgid dol gu SAAS no do ILA ro toiseach a' Chùrsa.
Ma tha oileanach den bheachd gum bi duilgheadas ag èirigh ri linn pàigheadh cìsean a' chùrsa bu chòir fios a leigeil do sgioba rianachd na Colaiste. Tha Sabhal Mòr Ostaig daonnan deònach feuchainn ri fuasgladh a lorg.
Slighean Adhartais
Bidh cothrom aig oileanaich a' Chursa Inntrigidh aig a bheil 50% aig a char as lugha sna modalan CA5-CA7 àite fhaighinn air an Dioplòma HE ann an Gàidhlig agus Cuspairean Cho-cheangailte.
A' cur a-steach
Nach cuir thu am foirm iarrtais seo thugainn ro 31 An Cèitean 2013 airson iarrtas a chur thugainn airson a' chùrsa a thòiseachas san Lùnastal 2013. Thèid foirm iarrtais a' chùrsa a chur thugad an uair sin.
Ma tha ceist sam bith agad nach cuir thu fios do sgioba rianachd Cùrsaichean air Loidhne air 01471 888 449 no cuir am foirm gu h-àrd thugainn.
Clàran-ama
Bidh an cùrsa, a mhaireas dà bhliadhna, a' tòiseachadh a h-uile bliadhna san Lùnastal no san t-Sultain. Tha ceithir modalan cànain sa chiad bliadhna agus nì oileanaich na dàrna bliadhna an dà mhodal cànain mu dheireadh agus am modal cuspair. Nithear na modalan ann an òrdugh agus thèid an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Gheibhear clàran-ama gu h-àrd air a bheil cinn-latha mheasaidhean is saor-làithean. 'S e 15, An t-Ògmhios 2012 ann ceann-là mu dheireadh airson iarrtasan 2012 ach ma 's ann às dèidh ann ceann-là sin a tha sibh a' coimhead air seo, cuir fios thugainn co-dhiù.
Clar-ama_2011-2012_Modailean_1- 5
Clar-ama 2012 - 2013 Modailean 1- 4
Clar-ama_2012 - 2013 Modailean 6 - 7
Uairean nan clasaichean
Gheibhear roghainn uairean nan clasaichean ron t-Seachdain Inntrigidh (gu h-ìosal) agus thèid gach uair clas a dhearbhadh san t-Seachdain Inntrigidh. Bidh caochladh uairean eadar Diluain is Dihaoine ri fhaotainn agus gu h-àbhaisteach cumaidh oileanaich an aon uair teagaisg airson gach pàirt den chùrsa.
Ullachadh agus Inntrigeadh don Chùrsa
Bidh seachdain inntrigidh is ullachaidh ann seachdain ro thoiseach a' chùrsa ach an dèan na h-oileanaich cinnteach gu bheil fios aca air a' chùrsa gu pragtaigeach is gu teicnigeach agus gus am faigh na h-oileanaich an cothrom bruidhinn ris na h-oileanaich eile agus airson an obair-chùrsa a chur air chois.
Saor-làithean
Bidh Sabhal Mòr Ostaig dùinte aig àm na Nollaig is na Bliadhn' Ùire. Agus bidh saor-làithean an t-Samhraidh ann do dh'oileanaich aig astar agus seachdain san Dàmhair is aig àm na Càisge. Cha bhi saor-làithean eile air a' chlàr-ama.
Cinn-latha mu dheireadh airson clàradh
Tha cinn-latha mu dheireadh ann ach am faigh luchd-obrach an t-Sabhail cothrom crìoch a chur air clàradh, àireamhan oileanaich, agus airson uairean teagaisg a rèiteachadh airson nan Seachdain Ullachaidh is Inntrigidh. 'S e 15 An t-Ògmhios 2012 ann ceann-là mu dheireadh airson iarrtasan 2012 ach ma 's ann às dèidh ann ceann-là sin a tha sibh a' coimhead air seo, cuir fios thugainn co-dhiù.
Sgoiltean deireadh-seachdain
Thèid sgoil deireadh-seachdain fad dà latha a chumail, mar as trice aig an t-Sabhal Mhòr, mu choinneimh gach dà mhodail airson oileanaich a tha clàraichte air a' Chùrsa Adhartais agus a-rèir an ùidh.
Tha iad roghainneil is iad a' toirt cothrom do dh'oileanaich na dh'ionnsaich iad a neartachadh agus a chur an gnìomh, agus cothrom coinneachadh ri oileanaich eile is oidean. Bu chòir do dh'oileanaich iarrtas a chur a-steach cho luath 's a ghabhas.
Clàr-ama
Disathairne 9.45m gu 4.45f agus Didòmhnaich 9.45m gu 1f (gabhaidh seo atharrachadh)
Cosgaisean
Tha àite-fuirich aig a' Cholaiste, ma tha sin a dhìth, agus biadh an lùib cosgais na sgoil deireadh-seachdain. Chan eil cosgaisean-teagaisg ann idir.
Àite-fuirich
Airson àite-fuirich ionadail cliog an seo no thoir sùil air www.visitscotland.com Airson àite-fuirich aig a' Cholaiste thoir sùil air an fhiosrachadh gu h-ìosal.
A' siubhail gu SMO
Bruth an seo airson fios air siubhal gu Sabhal Mòr agus Mapa na Colaiste
An Leabharlann
Mar as trice, bidh Leabharlann an t-Sabhail Mhòir, cruinneachadh de ghoireasan air cànan, cultar is dualchas na Gàidhlig, fosgailte nuair a bhios sgoiltean deireadh-seachdain a' ruith.
Faigh àite air Sgoil Deireadh-sheachdain
Airson àite a ghleidheadh aig sgoil deireadh-seachdain, thoir sùil air na leanas:
'S ann aig Sabhal Mòr Ostaig is a tha còir sgoiltean deireadh-seachdain atharrachadh no a chur dheth.
Feumaidh tu àite aig gach sgoil deireadh-seachdain fa leth a ghleidheadh is a phàigheadh.
Bidh cinn-là is foirm-clàraidh airson 2012-13 deiseil a dh'aithghearr.
Ma tha ceistean sam bith agad mu àiteachan-fuirich na Colaiste, cuir post-dealain gu luchd-obrach Cùrsaichean Air Loidhne.
Thèid iarraidh ort pàigheadh nuair a thèid d' àite a dhearbhadh. Feumaidh tu pàigheadh cho luath 's a thèid d' àite a dhearbhadh.
Cleachd am foirm seo airson iarrtas a chur tron phost.
Ma tha ceistean sam bith agad, cuir post-dealain gu luchd-obrach Cùrsaichean Air Loidhne air astar@smo.uhi.ac.uk