Skip to content

CertHE An Cùrsa Comais

DUAIS: Teisteanas Foghlam Àrd-ìre
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air an Làraich,Làn-ùine
DÈ CHO FADA: 1 bhliadhna
CÒD: Q532
NEACH-STIÙIRIDH: Murchadh MacLeòid
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )

MÌNEACHADH

’S e cùrsa practaigeach gràmair, air a dhealbhadh airson luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach a tha ag amas air fileantachd sa Ghàidhlig, a th’ ann an CertHE An Cùrsa Comais. Bidh oileanaich ag obair còmhla ann an càraidean is ann am buidhnean far am bi aca ri bhith a’ cleachdadh agus a’ leasachadh an cuid Ghàidhlig. ’S e adhartachadh sgilean labhairt is sgrìobhaidh prìomh amas a’ chùrsa, ach thèid cuspairean eile a thoirt a-steach mar a tha an cùrsa a’ dol air adhart. Nì oileanaich trì seachdainean de ghreis-dhreuchdail ann an Gàidhlig an lùib a’ mhodail Greis Ghnìomhachais.

SUSBAINT

Bidh CertHE An Cùrsa Comais a’ leasachadh comasan cànain nan oileanach is a’ toirt misneachd dhaibh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig is iad ann an suidheachadh bogaidh a’ faighinn dlùth-theagaisg sa chànan. Air a’ chùrsa seo, gheibh thu cothrom a dhol air greis gnìomhachais gus na sgilean cànain agus na sgilean practaigeach is obrach agad a thoirt am feabhas.

MODALAN RIATANACH

Comas Conaltraidh A

Module Code: UQ507223
Credits: 20

Tha An Cùrsa Comais a’ cur trì modalan-cànain an ceann a chèile o thoiseach a’ chùrsa. Is e seo fear dhiubh. Nuair a tha clas ‘Gàidhlig’ agaibh, tha amasan nan trì modalan a’ toirt ur sgilean èisteachd, labhairt, leughaidh is sgrìobhaidh air adhart, tro chleachdadh, ann an àrainneachd bhogaidh chànain. Cha dhealaich na trì modalan ri chèile ach aig deireadh semeastair. Tha a mheasaidhean àraidh fhèin, an uair sin, mu choinneimh gach aon. ’S ann aig deireadh a’ chiad shemeastair a tha measaidhean a’ mhodail seo gan cumail.

An dèidh dhut crìoch a chur air a’ mhodal, bidh thu air do sgilean-cànain a thoirt air adhart mu choinneimh na leanas:

  • do thuigse air earrannan mionaideach fiosrachaidh air an lìbhrigeadh leis a’ ghuth no ann an sgrìobhadh;
  • do chomas labhairt, gu ìre aig an tuig neach aig a bheil an cànan thu, ged a bhiodh corra mhearachd nad chòmhradh;
  • do chomas fiosrachadh a thoirt seachad agus beachdan is faireachdainnean a chur an cèill sa bhad ’s gun ullachadh;
  • do chomas lìbhrigidh is fuaimneachaidh a dhearbhadh tro leughadh earrannan litreachais;
  • do chur eòlach air cuibhreann de litreachadh ùr na Gàidhlig;
  • do chomas sgrìobhaidh is litearrais ann am farsaingeachd nòs, eadar tar-sgrìobhadh, aistidhean is sgrìobhadh cruthachail;
  • do chur eòlach air cuibhreann de ghràmar na Gàidhlig an lùib cruthan bunaiteach a’ ghnìomhair, an ainmeir ’s a’ bhuadhair;
  • do chomas sgrùdaidh gràmair a dhearbhadh ann an obair a’ chlas ’s ann an deuchainn.

Cànan Foirmeil is Dreuchdail

Module Code: UQ507225
Credits: 20

Tha An Cùrsa Comais a’ cur trì modalan-cànain an ceann a chèile o thoiseach a’ chùrsa. Is e seo fear dhiubh. Nuair a tha clas ‘Gàidhlig’ agaibh, tha amasan nan trì modalan a’ toirt ur sgilean èisteachd, labhairt, leughaidh is sgrìobhaidh air adhart, tro chleachdadh, ann an àrainneachd bhogaidh chànain. Cha dhealaich na trì modalan ri chèile ach aig deireadh semeastair. Tha a mheasaidhean àraidh fhèin, an uair sin, mu choinneimh gach aon. ’S ann aig deireadh a’ chùrsa a tha measaidhean a’ mhodail seo gan cumail.

An dèidh dhut crìoch a chur air a’ mhodal, bidh thu airson do chomas a dhearbhadh mu choinneimh na leanas:

  • gun tuig thu rèim-chainnte ’s gun tèid agad air do chainnt a ghleusadh dha rèir, mar a tha an suidheachadh a’ deachdadh;
  • gun tèid agad air nua-fhacail ’s air briathrachas a th’ air ùr-nochdadh sa Ghàidhlig a chleachdadh, far am bi e freagarrach;
  • gun tèid agad air do sgilean gramataigeach is litearrais a dhearbhadh mu choinneimh rèim-chainnte àrd is cruthan neo-phearsanta a’ ghnìomhair sa ghuth fhulangach.

Saoghal na Gàidhlig 1

Module Code: UQ507230
Credits: 20

‘S e fàth a’ mhodail seo a bhith toirt seachad dealbh air carson a tha a’ Ghàidhlig san t-suidheachadh sa bheil i an-diugh.  Airson seo a thuigsinn, tha am modail ann an dà leth.  Sa chiad leth, bheirear sùil air fàs agus crìonadh na Gàidhlig tro eachdraidh.  San dàrna leth, bidh sinn a’ coimhead air na h-adhbharan sòiseo-phoileataigeach a bha air cùl ath-bheòthachadh na Gàidhlig, gu h-àraidh bho na 1970an a-mach.

An dèidh dhaibh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir do dh’oileanach a bhith comasach air:

  • Sealltainn tuigse air na factaran cultarach, eachdraidheil, cruinn-eòlasach agus cànanach a th’ air cumadh a chur air a’ Ghàidhealtachd;
  • Sealltainn mothachadh air cùisean poileataigeach, sòisealta, cultarach agus eaconamach aig a bheil buaidh air a’ Ghàidhealtachd an-diugh;
  • Sealltainn tuigse air na buaidhean a tha a’ cur ri fèin-aithne a chruthachadh agus a chumail suas sa Ghàidhealtachd;
  • An t-eòlas agus an tuigse bhon mhodal a chur an sàs ann am pròiseact air coimhearsnachd no cuspair a’ buntainn ris a’ Ghàidhealtachd, agus na tùsan gan sealltainn gu ceart.

Comas Conaltraidh B

Module Code: UQ507224
Credits: 20

Tha An Cùrsa Comais a’ cur trì modalan-cànain an ceann a chèile o thoiseach a’ chùrsa. Is e seo fear dhiubh. Nuair a tha clas ‘Gàidhlig’ agaibh, tha amasan nan trì modalan a’ toirt ur sgilean èisteachd, labhairt, leughaidh is sgrìobhaidh air adhart, tro chleachdadh, ann an àrainneachd bhogaidh chànain. Cha dhealaich na trì modalan ri chèile ach aig deireadh semeastair. Tha a mheasaidhean àraidh fhèin, an uair sin, mu choinneimh gach aon. ’S ann aig deireadh a’  chùrsa a tha measaidhean a’ mhodail seo gan cumail.

An dèidh dhut crìoch a chur air a’ mhodal, bidh thu air an tuilleadh leudachaidh a thoirt air do sgilean-cànain anns na leanas:

  • do thuigse air earrannan mionaideach fiosrachaidh air an lìbhrigeadh leis a’ ghuth no ann an sgrìobhadh;
  • do chomas labhairt, gu ìre aig an tuig neach aig a bheil an cànan thu, ged a bhiodh corra mhearachd nad chòmhradh;
  • do chomas fiosrachadh a thoirt seachad agus beachdan is faireachdainnean a chur an cèill sa bhad ’s gun ullachadh;
  • do chomas lìbhrigidh is fuaimneachaidh a dhearbhadh tro leughadh earrannan litreachais;
  • do chur eòlach air cuibhreann de litreachadh ùr na Gàidhlig;
  • do chomas sgrìobhaidh is litearrais ann am farsaingeachd nòs, eadar tar-sgrìobhadh, aistidhean is sgrìobhadh cruthachail;
  • do chur eòlach air cuibhreann sa bheil tomhas de iom-fhillteachd de ghràmar na Gàidhlig, bonntaichte air clachan-stèidh a’ chiad shemeastair;
  • do chomas sgrùdaidh gràmair a dhearbhadh ann an obair a’ chlas ’s ann an deuchainn.
  • do sgilean farsaing cànain a thoirt gu ìre a leigeas dhut teannadh ri nòsan is cleachdannan acadaimigeach an oilthigh ann am modalan cuspair an co-shìneadh ris a’ mhodal seo.

Greis Gnìomhachais

Module Code: UQ507229
Credits: 20

Tha am modal seo ag amas air cothrom a thoirt do dh’oileanaich a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig gu misneachail agus gu h-èifeachdach ann an suidheachadh obrach.

Cuiridh an t-oileanach seachad trì seachdainean air greis-gnìomhachais agus aig an deireadh bidh aca ri leabhar-latha is aithisg luachaidh a sgrìobhadh, a’ dèanamh cunntas air na dh’ionnsaich iad agus mar a chaidh leotha a thaobh coileanadh an cuid amasan.

An dèidh dhaibh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir do dh’oileanaich a bhith comasach air:

  • Sealltainn na sgilean pearsanta a bhios a dhìth airson leasachadh pearsanta èifeachdach, a thaobh sgilean cànain agus sgilean obrach;
  • Sealltainn gun urrainn dhaibh greis-gnìomhachais a phlanadh agus pàirt a ghabhail ann a bhith ga chur air dòigh;
  • Sealltainn gun urrainn dhaibh greis-gnìomhachais a ghabhail os làimh agus a chrìochnachadh;
  • Luachadh a dhèanamh air greis-gnìomhachais an uair a bhios e deiseil.

MODALAN ROGHAINNEIL

Cànan sa Choimhearsnachd

Module Code: UQ507233
Credits: 20

’S e adhbhar a’ mhodal seo cothrom a thoirt don oileanach an cànan a tha a dhìth a leasachadh agus a chleachdadh airson eadar-obrachadh ann an cur-seachadan spòrs is cur-seachadan a-muigh, airson còmhradh mu àrainneachd na Gàidhealtachd is nan Eilean, airson deasbad air beatha làitheil ann an coimhearsnachdan sgìrean dùthchail na Gàidhlig, agus airson deasbad air cuspairean agus cùisean co-cheangailte ri cultar choimhearsnachdan Gàidhlig.

An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir don oileanach a bhith comasach air:

  • eòlas a nochdadh air cùis anns a bheil ùidh phearsanta co-cheangailte ri cànan no cultar na Gàidhlig co-cheangailte ri sgìre no sgìrean sònraichte;
  • eòlas a nochdadh air cùis co-cheangailte ri cleachdadh fearainn, àrainneachd no cùis dùthchail eile ann an sgìre shònraichte no sgìrean sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan;
  • comas briathrachais agus structar na Gàidhlig a thaisbeanadh gu leòr gus an t-eòlas seo a chur an cèill.

Ceòl agus Òrain Ghàidhlig 1

Module Code: UW307227
Credits: 20

Bidh oileanaich ag obair ann an còmhlain airson pìosan ciùil (rin seinn agus rin cluich) a chruthachadh. Thèid na pìosan ciùil sin a chluich air beulaibh dhaoine, ann an suidheachadh cuirm ciùil, agus ann an deuchainn.

A bharrachd air a seo, bidh oileanaich ag ionnsachadh briathrachas-ciùil.

Gheibh gach oileanach teagasg fa leth anns a’ chuspair spèisealta a tha iad fhèin a’ taghadh. Thèid mu 91 uairean a chosg ag obair air cuspair spèisealta an oileanaich, le mu 24 uairean air teagasg aon-ri-aon agus 65 uairean air teagasg còmhlain. Gheibhear teagasg air seinn, mar bhuidheann, airson 24 uairean sa bhliadhna.

An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir don oileanach a bhith air ionnsachadh:

  • Sgilean taisbeanaidh/cluiche iomchaidh a thaobh cuspair spèisealta an oileanaich;
  • Sgilean còmhlain a thaobh cuspair spèisealta an oileanaich agus seinn mar bhuidheann;
  • Tuigse air briathrachas ciùil.

Litreachas: Sgilean Sgrùdaidh

Module Code: UQ507232
Credits: 20

Anns a’ mhodail seo, bidh thu a’ cur eòlas air diofar sheòrsachan de litreachas sa Ghàidhlig – sgeulachdan goirid, dràma agus bàrdachd.  Le bhith a’ leughadh an stuth seo, bidh thu a’ cur ris an eòlas agad air a’ Ghàidhlig, an dà chuid faclan agus gnathasan cainnt, ann an dòigh thlachdmhor. Bidh thu cuideachd ag ionnsachadh mu bhreithneachadh litreachais agus mu na faclan teicnigeach ceangailte ris.

Às dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir na leanas a bhith aig oileanaich:

  • Comasach air dòighean obrach iomchaidh a thaobh breithneachadh litreachais;
  • Comasach air dlùth-leughadh a dhèanamh air raon farsaing de litreachas Gàidhlig;
  • Comasach air beachdan a chur an cèill a tha bonntaichte air breithneachadh agus dearbhadh;
  • Comasach air briathrachas Gàidhlig freagarrach a thaobh iarrtasan a’ mhodail a chleachdadh;
  • Comasach air sgrìobhadh sa Ghàidhlig aig ìre iomchaidh.

Teòiridh 1

Module Code: UW307228
Credits: 20

Anns a’ mhodal seo, ionnsachaidh oileanaich mu dheidhinn ruitheam, structar agus cothromachadh (composition) ann an ceòl Gàidhlig. Cuideachd, gheibh iad deagh thuigse air teòiridh ciùil, còrdan agus briathrachas ciùil Ghàidhlig. Tha seiseanan ann mu dheidhinn riochdachadh fuaim anns an stiùidio cuideachd. Tha am modal seo air a lìbhrigeadh uair san t-seachdain thairis air semeastar 1 agus 2.

An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bidh na sgilean a-leanas aig an oileanach:

  • Tuigse air teòiridh ciùil bunaiteach agus briathrachas sa Ghàidhlig co-cheangailte ris a’ chuspair;
  • Sgilean bunaiteach cothromachaidh agus cruthachaidh;
  • Eòlas air bathar-bog Sibelius a chleachdadh airson pìosan ciùil grinn is mionaideach a chruthachadh.

Feumalachdan Inntrigidh

Teisteanasan

  • 3 teisteanasan Àrd-ìre SQA aig ìre BBC no nas fheàrr, a’ gabhail a-steach B no nas fheàrr ann an Gàidhlig no Gaelic (Learners); air neo
  • dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le Stiùiriche a’ Phrògraim.

Bidh agallamh agad gus dearbhadh gu bheil na comasan labhairt agad aig an ìre iomchaidh. Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan.

Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Gàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-steach gu ìre a h-aon de na prògraman ceuma. Tha sinn cuideachd a’ tabhann Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig, cùrsa bogaidh, làn-mhaoinichte fad seachd seachdainean a tha ag amas air fìor luchd-tòiseachaidh.

Feumalachdan a Bharrachd

Tha Greis Gnìomhachais na modal riatanach air a’ chùrsa seo agus bhiodh teisteanas PVG a dhìth nan robh an t-oileanach ga dèanamh ann an sgoil no ionad cùraim-chloinne.

Facal bho Joy Dunlop

A’ Cur A-steach Iarrtas

Feumar tagradh a dhèanamh tro Sheirbheis Inntrigidh Oilthighean is Cholaistean (UCAS). Is e seo am prìomh sheirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh agus colaiste foghlaim àrd-ìre san RA.

Às Dèidh a’ Chùrsa

Ma shoirbhicheas le oileanaich anns a’ Chùrsa Chomais, bidh cothrom aca airson gluasad gu dàrna bliadhna prògram a’ cheuma. Ionnsaichidh tu sgilean airson nan cothroman obrach agad a leasachadh anns na roinnean a leanas:

  • Leasachadh na Gàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd
  • Roinn nam meadhanan
  • A’ teagasg Gàidhlig/tro mheadhan na Gàidhlig

COSGAISEAN A’ CHÙRSA 2024/25

* Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, thèid na cìsean aig oileanaich a tha a’ fuireach ann an Alba a phàigheadh le Buidheann Thabhartasan Oileanach na h-Alba (SAAS) agus dh’fhaodadh gum bi iad airidh air taic cosgais bith-beò.


Oileanaich làn-ùine, cìs gach bliadhna (120 creideas)

£0.00

Gheibh thu cosgaisean airson gach dòigh ionnsachaidh agus gach cùrsa an seo (PDF)

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578