Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam

Ceum: BA (Hons)
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine, Aig a' Cholaiste
Dè cho fada: 4 bliadhna airson BA le Urram
Neach-stiùiridh: Eilidh Ghrannd iarrtas@smo.uhi.ac.uk


Mun a' Chùrsa

Is e prògram ùr trèanadh thidsearan tro mheadhan na Gàidhlig a tha anns a' chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam a tha air a thabhann taobh a-staigh Sgeama na Gàidhlig agus Chuspairean Co-cheangailte (SGCC) aig UHI. Tha am Prògram, a bhios air a thabhann bhon t-Sultain 2017, ri fhaotainn tro fhoghlam air astar no tro theagasg aghaidh ri aghaidh.

Bheir am Prògram cothrom dhut barantas le urram agus teisteanas teagaisg fhaotainn taobh a-staigh ceithir bliadhna agus tha e na shlighe dìreach a-steach gu trèanadh thidsearan ann an raon far a bheil gainnead luchd-obrach. Tha an cùrsa air a dhealbh airson teagasg Àrd-sgoile (Gàidhlig) no teagasg Bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig, le 18 seachdainean de ghreis sgoile.

 

 

Sùsbaint a' Chùrsa

Bidh oileanaich a' dèanamh Bliadhna 1 agus 2 de Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte agus an dèidh sin, airson bliadhna 3 agus 4, bidh iad a' leantainn prògram oideachaidh a' gabhail a-staigh measgachadh de chùrsaichean foghlaim/eòlais phroifeiseanta agus modalan bho SGCC.

‘S e bliadhna cànain a tha anns a’ Chiad Bhliadhna de SGCC, agus bithear a’ dèanamh A' Chùrsa Chomais no Gàidhlig agus Conaltradh a rèir do chomasan sa chànan, aig toiseach a’ chùrsa. ‘S e cùrsa air astar a th’anns A’ Chùrsa Adhartais, air a lìbhrigeadh pàirt-ùine thairis air dà bhliadhna.

Ann am Bliadhna 2, bidh thu a’ dèanamh mhodalan riatanach bho SGCC ann an Gàidhlig fhèin agus ann an cuspairean eile ceangailte ris a’ Ghàidhlig, a thuilleadh air modal mu fhoghlam Gàidhlig.

Am measg nam modalan ann am Bliadhnaichean 3 agus 4 bidh Clann agus an Ionnsachadh agus An Neach Dreuchdail Breithneachail is Feòrachail. Anns na modalan eòlais phroifeiseanta gheibhear 18 seachdainean de ghreis sgoile thar bhliadhnaichean 3 agus 4.

 

 

Inntrigeadh

  • 5 teisteanasan SQA ann an cuspairean eadar-dhealaichte agus 3 aca aig àrd-ìre – bidh Gàidhlig (Fileantaich) no Gaelic (Luchd-ionnsachaidh) na buannachd dhut; no
  • dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le stiùiriche a’ phrògraim.

Gheibh thu agallamh mus tòisich thu air Bliadhna 1 airson dearbhadh dè an cùrsa bu fhreagarraiche dhut air a’ chiad bhliadhna, a rèir nan comasan labhairt agad.

A thuilleadh air seo, airson BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam, tha feum aig oileanaich air na leanas:

  • Àrd Ìre Beurla aig C no nas fheàrr, no teisteanas co-ionnan, agus Matamataig aig Ìre Nàiseanta 5 no Sàr-ìre Choitchinn (no teisteanas Cùrsa Nàiseanta ìre Eadar-mheadhanach 2 aig C no nas fheàrr.

Faisg air deireadh Bliadhna 2, feumaidh oileanaich a bhith soirbheachail ann an agallamh a rèir mhodhan-obrach bunaiteach a thaobh inntrigidh gu Cùrsa Trèanadh Thidsearan agus feumar modhan-obrach Disclosure Scotland a choileanadh.

 

 

Cìsean is Maoineachadh

Airson cìsean rach chun a cheangail a leanas http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/iarrtas/cisean/

 

 

A' cur a-steach

Ma tha thu a' fàgail na sgoile no a' cur iarrtasan gu grunn oilthighean, feumaidh tu Universities and Colleges Admissions Service (UCAS) a chleachdadh. 'S e seo an t-seirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh is colaiste àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte.

Mura h-eil thu nad sgoilear a' fàgail na sgoile is ma tha thu a' cur iarrtais gu Sabhal Mòr a-mhàin, cuir fios gu Oifis Chlàraidh is Inntrigidh no dh'fhaodadh tu lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn,  a  lìonadh agus a chur air ais.

Fios mu iarrtasan:

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Fòn: 01471 888304

Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk